Tha Smeur aig an t-Subway ach tha eisir a dhìth! #gaidhlig #glasgowsubway

Tha cairt thapaidh (smart card) ri fhaighinn airson Subway Ghlaschu mu dheireadh thall.

 ‘S e ceum air adhart a th’ ann gun teagamh ach a bheil e cho math sa tha propaganda SPT a’ cumail a-mach?

Trèana Subway, Glaschu

 Dè tha math mu dheidhinn?

  •  Leis a’ chairt ùr, am Bramble, faodaidh tu suas ri £50 a chur air a’ chairt aig an aon àm agus faodar ‘tiocaidean seusain’ a chur oirre cuideachd. Mar sin, bidh cùisean nas luaithe oir cha bhi agad ri briseadh (change) a lorg dhan inneil no feitheimh ann an ciutha.
  •  Cleachdaidh an Subway nas lugha de thiocaidean pàipear agus mar sin, bidh nas lugha de chaitheimh carboin is nas lugha de sgudal air na sràidean.
  • A bharrachd air seo, nì am bramble cinnteach gum faigh thu am faradh as saoire a tha a’ dol air an latha sin: 1 turas – singilte, 2 thuras – tiocaid tillidh, barrachd air 2 – tiocaid latha.

 Dè nach eil buileach cho math mu dheidhinn?

  • Le cairt Oyster ann an Lunnainn, tha na faraidhean airson an Underground nas saoire na tiocaidean pàipear. Air an Subway, bidh an aon phrìs ann sa bh’ ann roimhe, prìs a tha ro àrd mar-thà nam bheachd.
  •  Ged is e cairt thapaidh a th’ ann, feumar airgead a chur oirre air na h-innealan aig stèisean fo-thalamh seach air an eadar-lìon agus chan eil lìonadh fèin-obrachail (auto top-up) ann.
  •  Mu dheireadh, eu-coltach ris an Oyster, cha ghabh am bramble a chleachdadh air dòigh-chòmhdhail sam bith ach an Subway fhèin, chan ann fiù’s air seirbheisean-rèile ionadail. Nas miosa na sin, tha ScotRail is Riaghaltas na h-Alba ag obair air cairt thapaidh airson seirbheisean-rèile aig an aon àm. Nach bu chòir do SPT a bhith ag obair còmhla riutha?

 A rèir coltais, tha SPT airson cuid de na seirbheisean sin a chur ris a’ chairt fhathast, ach tha e bochd nach do chuir iad cairt nas coileanta air dòigh sa chiad dol a-mach. Ach seo Alba far a bheil ‘còmhdhail-cheangailte’ na dhroch fhacal!

 

DLR, Lunnainn. Sin agad còmhdhail cheangailte!

 Tha mi air m’fhoirm iarrtais a lìonadh co-dhiù is tha mi a’ dèanamh fiughair ri mo Bhramble-sa fhaighinn!

 Alasdair

 Air m’ Ipod: Def Leppard – High and Dry (1980), 7/10.

Chaidh seo a phostadh ann an Subway Ghlaschu agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to Tha Smeur aig an t-Subway ach tha eisir a dhìth! #gaidhlig #glasgowsubway

  1. Reblogged this on Mo Bhloigh and commented:
    Seo ceangal gu blog aig Alasdair MacCaluim a thaobh Subway agus cairtean thapaidh. Dh’fhaighnich e nach bu chòir do SPT a bhith ag obair còmhla ri ScotRail is Riaghaltas na h-Alba a tha ag obair air cairt thapaidh airson seirbheisean-rèile aig an aon àm. Feumaidh mi ràdh gu bheil mi daonnan ag ràdh an aon rud sna bliadhnaichean a dh’aom!

  2. gary ferguson says:

    Fior inntinneach, tha na h-employers agam fhin air a’bhith bruidhinn mu chairt thapaidh fad greis, ach cha do rinn iad cail fhathast. S bochd nach bi ach aon cairt ann son a h-uile doigh siubhail ann an Alba. (treanaichean, bataichean aiseag, busaichean, fiu’s tramaichean!)

  3. Taing Gary. Tha an Zonecard (agus an Roundabout agus an Day Tripper) ann airson busaichean/trèanaichean/subway is aiseagan Shrath Chluaidh mar thà is mar sin, shaoladh tu gun gabhadh an aon rud, no rudieign coltach ris, a dhèanamh ann an dòigh dhealanach. Tha fhios agam gur dòcha gum biodh cùisean doirbh leis na busaichean – tha iad de-regulated an seo ach tha iad fhathast regulated ann an Lunnainn, is mar sin bha e furasta gu leòr busaichean a chur san Oyster. Ach le ScotRail agus an Subway agus le CalMac, tha an t-airgead a’ tighinn bhon sporan phoblach co-dhiù is chan eil mi a’ tuigsinn dè an duilgheadas a th’ ann.

    Mar a thuirt mi mun Oyster gu h-àrd, ‘s e fear de na prìomh phrionnsabalan aig an sgeama gu bheil e daonnan tòrr nas saoire a bhith a’ cleachdadh Oyster na bhith a’ cleachdadh tiocaidean fa leth. Tha crìoch làitheil air na chosgas e cuideachd, can £20 san latha, agus ma thèid thu seachad air sin, tha a h-uile rud thairis air sin airson a’ chòrr den latha saor is an asgaidh. Tha seo a dhìth an Alba. Tha e ceart gu leòr cairt ùr spaideil a bhith agad ach mur a bi ìsleachadh sam bith sna cosgaisean, cha bhi “modal shift” sam bith ann.

    Tha smartcard sgoinneil airson bus is rèile ann an Èirinn a Tuath – ach tha còmhdhail phoblach anns an roinn phoblaich an sin (mar as còir) is mar sin, tha e furasta gu leòr a dhèanamh.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Google+ photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s