Turas rèile gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa

Ged a tha comhairlichean Ghallaibh air a bhith a’ sìor ghearain mu shoidhnichean Gàidhlig bho chionn goirid, a rèir coltais chan eil iad air mothachadh gu bheil soidhichean dà-chànanach air a bhith anns na stèiseanan san sgìre bho chionn còig bliadhna deug no mar sin!

Seo an dearbhadh:

http://www.flickr.com/photos/alastairfree57/5121667240/

…agus cha tainig an saoghal gu crìch a dh’aindeoin sin!

Bidh cothrom aig daoine na soidhnichean fhaicinn san fheòil ann an ùine nach bi fada le turas sònraichte a tha an SRPS (Comann Glèidhteachas Rèile na h-Alba) a’ cur air dòigh eadar Gleann Iucha/Dùn Èideann agus Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige 17 agus 18 Ògmhios.

http://www.srps.org.uk/railtours/rt-110618.htm 

Còrdaidh an turas seo gu h-àraid le anaragan rèile oir mairidh e 24 uairean a thìde agus e a’ gabhail àite aig an deireadh sheachdain as fhaisg air an latha as fhaide sa bhliadhna. A bharrachd air an turas rèile, bidh turas bus ann gu Taigh Iain Ghrot cuideachd gus cothrom a thoirt do dhaoine fear de na bailtean as caiseach san dùthaich fhaicinn!

Tha dìreach aon rud a tha ceàrr mun turas – ‘s e sin gum bi an trèana a’ ruigsinn Inbhir Ùige uamhasach tràth sa mhadainn. Bidh cothrom a dhol far na trèana ann an Inbhir Ùige eadar 07.30m agus 09.00 madainn. Saoil am bi bùth, cafe no fiù’s taigh-beag sam bith fosgailte aig an àm sin den latha?

Co-dhìu, bidh am broc air bòrd gun teagamh. Seo mo chiad turas air Loidhne a’ Chinn a Tuath agus mo chiad turas gu Gallaibh. Nì mi mo dhìcheall tòrr mòr Gàidhlig a bhruidhinn .

Is e deagh adbhar a bhith a’ dol air an turas gu bheil Deltic gu bhith air ceann na trèana.

Deltic ann an Sruighlean

Deltic ann an Sruighlean

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 freagairtean ri Turas rèile gu Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa

  1. Thuirt Gràisg:

    Saoil am bi seo a’ chaid turas a bha Deltic a riamh gu tuath Inbhir Nis? Bhiodh e math ga fhaicinn ach bidh e a’ dol suas air an oidhiche. Dh’fhaodadh cuideigin a chuir suas air twitter nuair a thilleas e nan robh daoine sgapte siud ‘s seo airson dealbhan fhaighinn ge-tà.

    'S toil

  2. Deagh cheist. Chì mi an urrainn dhomh faighinn a-mach mu Dhelticean sa cheann a tuath. Bidh an SRPS a’ cur a-mach clàr-ama nas fhaisg air an àm agus cuiridh mi fios suas air a’ bhlog seo nuair a bhios e agam.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s