Cearcall Chathchart – ochdamh mìorbhail an t-saoghail?

A rèir mo charaid Carol, is e Cearcall Chathcart ann an Glaschu Ochdamh Mìorbhail an t-Saoghail. Ma tha i ceart gu bheil an rathad-iarainn seo nas fheàrr na Gàrraidhean Crochte Bhabylon, ciamar a b’ urrainn dhomh an cothrom a chall?

Tha mi a’ feuchainn ri siùbhail air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba mean air mhean. Gu ruige seo ged a tha mi air a bhith air a’ mhòr-chuid de na rathaidean-iarainn san dùthaich, chan eil mi air a bhith air a h-uile fear ann an Glaschu, am baile agam fhèin.

 Fhuair mi leisgeul a dhol air a’ chearcall an-diugh mu dheireadh thall agus mi a’ dèanamh air Cathcart fhèin gus beagan ceòl a chluich le mo chòmhlan roc. Fhuair mi an trèana – EMU clas 314 – eadar Glaschu Mheadhain agus Cathcart.

Eadar Stèisean a’ Mheadhain is Pàirce na Banrigh cha robh mòran ri fhaicinn oir cha robh ann ach gearraidhean (cuttings) agus cha robh e comasach dad eile fhaicinn. Às dèidh sin, ge-tà, bha sinn gu h-àrd os cionn nan sràidean le seallaidhean brèagha rim faicinn den bhaile. Tha togalaichean nan stèiseanan brèagha cuideachd agus iad ann an stoidhle chalet Eilbheiseach.

 Ged a bha an turas snog gu leòr, cha do chòrd e rium idir mar thoradh air cus graffiti. Anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha an uiread de ghraffiti air na rathaidean-iarainn air a dhol am mead gu mòr. Tha e a-nis cho dona is gu bheil e gann gum faic thu drochaid no bocsa signal sam bith – no sìon eile – ri taobh an rathad-iarainn air nach eil graffiti grànnda anns an latha a th’ ann. Is e dol-a-mach fìor mhì-shòisealta a th’ ann an graffiti a chionn ‘s gu bheil e a’ nochdadh dìmeas don choimhearsnachd agus do rudan a bhuineas ris a h-uile duine. Chan e òigridh as an sgìre a tha a’ dèanamh a’ mhòr-chuid ach daoine a tha a’ siubhail air feadh na dùthcha gus an sgrios mì-dhreachmhor a dhèanamh ann an diofar àiteachan mar chur seachad. Gu tric, tha iad air dealbhan a dhèanamh ann an àiteachean a tha uamhasach doirbh agus cunnartach ruigsinn no far a bheil tòrr teàrainteachd ann. Nach eil rud sam bith eile aca ri dhèanamh? Feumaidh gu bheil rudeigin a ghabhas dèanamh mun t-suidheachadh seo?

Ràinig mi an talla far an robh mo chòmhlan gu bhith a’ cluich slàn sàbhailte co-dhiù agus chuir sinn seachad sia uairean a thìde a’ rocadh a-mach!

Stèisean Cathcart agus a’ rocadh a-mach an Cathcart!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Cearcall Chathchart – ochdamh mìorbhail an t-saoghail?

  1. Seo bhideo dhuinn:

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s