Rathad-iarrann Aotrom Ghleann Amain, Baile Dhunlèibhe

Tha rathaidean-iarainn glèidheachais (heritage railways) gu leòr ann an Alba ach ged a tha a’ mhòr-chuid eòlach air Bo’ness, Breichinn agus Srath Spè, tha fear no dhà ann nach eil idir cho ainmeil agus nach bi a’ faighinn mòran sanasachd idir.

Nam measg, tha Rathad-iarainn Ghleann Amainn ann am Baile Dhunlèibhe far an robh mi an-diugh.

Tha Rathad-iarainn Aotrom Ghleann Amain suidhichte ann an Ionad Dualchais Ghleann Amain ann am Baile Dhunlèibhe, deagh àite don teaghlaich air fad le beathaichean, tuathanas agus slighe-coiseachd. Chan eil an rathad-iarainn caol-ghèidse snog seo fosgailte ro thric – dìreach aig an deireadh sheachdain rè an t-samhraidh agus corra làithean-saora poblach ach is fheuch e tadhail air nuair a bhios e fosgailte. Tha an loidhne goirid – dìreach 1/4 mìle no mar sin ach tha e a’ dol tro achaidhean breàga ri taobh uillt snog.

B’àbhaist don trac agus do na h-einnseanan a bhith air an cleachdadh ann an rathaidean-iarainn gniomhachasach (industrial).

Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig:
www.almondvalley.co.uk

http://en.wikipedia.org/wiki/Almond_Valley_Light_Railway

Rathad-iarainn Aotrom Ghleann Amain

Rathad-iarainn Aotrom Ghleann Amain

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s