Loidhne Bhaile Nèill agus Cearcall Chathcart

Stèisean Bhaile Nèill
Stèisean Bhaile Nèill

Latha eile, turas rèile eile!

A chionn’s nach robh mi ag obair an-diugh, chuir mi romham turas rèile a dhèanamh nach do rinn mi riamh roimhe.
Chaidh mi a-staigh gu Stèisean a’ Mheadhain agus cho-dhùin mi gum faighinn a’ chiad trèana a’ dol gu àite far nach robh mi riamh roimhe. Càite an rachainn? Lannraig? Guireag? Barrheid? Chan e ach ….. Baile Nèill no Neilston.
Fhad’s a bha mi a’ feitheimh ris an trèana, chunnaic mi dithis a’ bruidhinn ann am BSL. Cool!
Às dèidh Muirend, tha an loidhne a’ dol seachad air bungalothan beaga brèagha bho na 1930an. Tha e caran coltach ri “metroland” ann an taobh deas Shasainn.
Ri taobh Whitcraigs chithear Pàirce brèagha Roukin Glen. Chithear cuideachd seòrsa millionaires row – taighean mòra ùra a chaidh a thogail, a rèir coltais, airson daoine a tha beartach ach aig nach eil taste sam bith!
Às dèidh Whitecraigs, tha an loidhne a-mach air an dùthaich le tuathanasan, lochan, eich agus beanntan.
Aig Patterton, tha deagh shealladh sìos air Glaschu, a tha a’ coimhead uamhasach fada air falbh. Chan eil teagamh sam bith ann nach ei rathad-iarainn fìor bhoidheach a th’ ann eadar Patterton agus Baile Nèill. Tha càrlann mòr ann aig Patterton agus bha e loma-làn an-diugh. Abair atharrachadh bho thoiseach nan 1980an nuair a bhathar a’ beachdachadh air an loidhne a dhùnadh.
Aig an ceann-rèile ann am Baile Nèill, chithear làrach na seann-loidhne eadar Baile Nèill, Uplawmoor agus Gifford a dhùin ann an 1964.
Stèisean Bhaile Nèill

Stèisean Bhaile Nèill

 

Air an t-slighe air ais, dh’fhàg mi an trèana aig Cathcart agus chaidh mi air ais dhachaidh air Cearcall Chathcart taobh Shawlands. Tha taobh an iar Chearcall Chathcart fìor mhath – tha an loidhne os cionn nan sràidean airson a’ mhòr-chuid den t-slighe agus tha e a’ dol tro sgìrean bhreagah le taighean mòra cloiche. Tha sealladh fìor mhath ann den abhainn Cart aig Stèisean Pollokshaws agus tha na toglaichean stèisesan uile ann an stoidhle “chalet Eilbheiseach”.

Dh’fhàg mi an trèana aig Pàirce Maxwell agus choisich mi dhachaigh air latha brèagha grianach.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s