Loidhne Chille Bhrìghde an Ear

Tha tòrr obair eadar-theangachaidh agam ri dhèanamh agus tha an taigh na bùrach agus mar sin, cha b’ e ruith ach leam dhomh a dhol air turas-rèile mòr an t-saoghail eile: Glaschu-Cille Bhrìghde an Ear.

Is math an rud e cuideachd oir chunnaic mi an ceann-loidhne air an Evening Times an-diugh ann an Stèisean a’ Mheadhain: “Japanese Radiation Hits Glasgow”. Tha mi cinnteach gum bi e sàbhailte gu leòr ann an Siorrachd Lannraig a Deas!

Ged is e ceann na loidhne a th’ ann an Cille Bhrìghde an Ear a-nis, b’ àbhaist don loidhne a bhith a’ cumail a’ dol gu Àrd Bhaile an t-Saoir (High Blantyre) agus a’ ceangail ri loidhne Hamilton eadar Baile an t-Saoir agus Hamilton an Iar.

Tha an t-slighe a’ tòiseachadh le seallaidhean de Phàirce Phollaig agus ta0bh deas Ghlaschu. Tha coltas caran liath air an sgeama às dèidh Pollokshaws an Iar ach a dh’aithghearr tha sinn ann an Giofnag agus Clarkston – “metroland” Ghlaschu le bungalothan agus craobhan gu leòr ann.

Rugadh an gaisgeach giotàir Brian Roberston aig Thin Lizzy ann an Clarkston agus latha de na làithean tha mi an dòchas gum bi soidhne ann a’ comharrachadh a bhreith.

Tha coltas snog air baile Busby agus chithear tòrr achaidhean is chraobhan ach nas fhaisg air Hairmyres agus Cille Bhrìghde an Ear chithear tòrr mòr paidhleanan agus tuathan gaoithe.

Chan eil mòran ri ràdh mu Chille Bhrìghde an Ear fhèin ach gu bheil na pàirtean a chithear bhon trèana a’ coimhead a cheart cho dona (ach is dòcha rud beag nas gairbhe?) na Comar nan Allt.

Is e stèisean le aon àrd-ùrlar agus togalach beag a th’ ann an Cille Bhrìghde an Ear agus chan e idir an seòrsa togalach ris am bithear an dùil aig ceann-loidhne cudromach mar seo.

Tha an stèisean pìos math a-mach à meadhan a’ bhaile (ma tha an lèithid de rud ann ri meadhan baile ann am baile ùr!) mar na stèiseanan ann an Comar nan Allt agus Baile Dhunlèibhe. Chan eil sgeul air làrach na seann loidhne às dèidh an stèisein agus tha e coltach gun deach a sgrìos air fad le obair togail.

Bha moladh ann bho chionn beagan bhliadhnaichean gun rachadh an loidhne a leudachadh gu meadhan a’ bhaile ach chan eil dad air tachairt agus tha e doirbh faicinn càite an rachadh an loidhne oir tha an rathad-iarainn air a chuairteachadh le taighean is rathaidean. Tha mi an dòchas gun tachair e mu dheireadh.

Tha e math soidhnicihean dà-chànaineach ùra fhaicinn ann an Giofnag agus ann an Cille Bhrìghde an Ear.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s