Meanbh rathaidean-iarainn

Tha meanbh rathaidean-iarainn gu leòr ann an Alba agus tha mi a’ feuchainn ri tadhal orra uile ach tha aon duilgheadas mòr ann  – tha e air leth fhèin doirbh faighinn a-mach mun deidhinn.

An t-eadar-lìon? Làrach-lìn? Chan eil fhios aig a’ mhòr-chuid na daoine a tha a’ ruith nam meanbh rathaidean-iarainn gu bheil an lèithid ann idir. Cha bhi cuid aca fiù’s a’ cur fios gu irisean rèile, fiù’s gu Miniature Railway Magazine

Tha mi a’ fuireach ann an Glaschu, mu 2 mhìle air falbh bhon mheanbh-rèile ann am Pàirce Barshaw ann am Pàislig agus ged a tha fios agam gum bi e a’ ruith bho àm gu àm, chan fhaca is cha chuala mi dad mu dheidhinn riamh ged a tha mi air a bhith a’ sìor sireadh fhiosrachaidh fad 5 bliadhna. Chan urrainn dhomh faighinn a-mach bhon chomhairle nas motha oir ged is ann leis a’ chomhairle a tha a’ phàirc, is e saor-thoilich a bhios a’ ruith nan trèanaichean. Grrr!

Tha mi a’ feuchainn ri faighinn a-mach cuideachd cuine a bhios na meanbh rathaidean-iarainn ann an Cill Rìmhinn (Pàirce Craigtoun) agus ann an Srath Abhainn fosgailte. A bheil fhios aig duine sam bith?

Tha na dealbhan agam de mheanbh rathaidean-iarainn rim faicinn aig:

http://www.flickr.com/photos/amaccaluim/sets/72157605739921527/

Rathad-iarainn Pàirce Barshaw - càìte bheil an trèana?

Rathad-iarainn Pàirce Barshaw - càìte bheil an trèana?

 

Rathad-iarainn Valley International Park, Crossford, Schd Lannraig

Rathad-iarainn Valley International Park, Crossford, Schd Lannraig

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Meanbh rathaidean-iarainn

  1. Thuirt Michelle Cotter:

    Is fìor toigh leam seo- a’ cuir nam cuimhne meanbh rathad faisg air an àite a togadh mi ann an Baile Àtha Clìath. ‘S math a rinn thu leis a bhlog seo Alasdair, rud tarraingeach agus math airson daoine a’ ionnsachadh Ghàidhlig🙂 am faod mi ceangail a chur air an duileag facebook aig AÀA?

    'S toil

  2. Taing mhòr Michelle. Bhiodh e glè mhath nan cuireadh tu ceangal air làrach facebook AÀA. Dè an t-ainm a bh’ air an rathad-iarainn ann am BÁC? Eil e fhathast a’ dol?

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s