Cathair MoLuaig gu Lannraig agus VIP

Chan eil mòran rathaidean-iarainn san lìonra-rèile nàiseanta ann an Alba air nach deach mi fhathast, gu h-àraid faisg air Glaschu. An-diugh, lìon mi beàrn eile, Cathair MoLuaig gu Lannraig.

An àite a bhith a’ dol bho Ghlaschu gu Lannraig, dhràibh mi a-mach gu Cathair MoLuaig airson a dhol air rathad-iarainn eile: a’ mheanbh-rèile anns a’ Valley International Park ann an Crossford, mu dhà mhìle a-mach à Lannraig.

Tha rathad-iarainn Crossford mu mhìle a dh’fhaide ann an cruth ochd. Còmhla rium airson an “turas rèile mòr an t-saoghail” seo bha mo nighean bheag Ciorstaidh Mairead, a tha dèidheil air trèanaichean cuideachd.

Tha aon trèana aca, loco diesel dearg le coltas seann loco smùid Amerieaganach air. Bha an turas sgoinneil agus chòrd e ris an dithis againn glan. Gu h-iongantach chaidh an loco far na rèile ach cha tug an dràibhear fada a bhith ga chur air ais air an trac.

Cathair MoLuig

Agus an uair sin, air adhart gu Stèisean Chathair MoLuaig air an rathad-iarainn mhòr. Cha tug ar turas gu Lannraig fada idir ach bha e fìor mhath. Bha deagh sheallaidhean ann de bheanntan, craobhan, achaidhean, lochan agus beathaichean.

Tha Lannraig aig deireadh na loidhne a-nis, ach ro 1964 lean an rathad-iarainn air gu Dùbhghlas, Glenbuck, Muirkirk agus Cumnag. Chaidh an loidhne gu Lannraig a dhealanachadh (electrified) ann an 1979.

Stèisean Lannraig

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s