Tràilidhean a’ tighinn

Is e “trama gun rèile” no bus dealanach a thogas dealan bho loidhne os a chionn a th’ ann am bus-tràilidh. Bha tòrr lionran tràilildh san Rìoghachd Aonaichte eadar na 20an agus na 1960an ach dhùin an siostam mu dheireadh, Bradford, ann an 1973.

Tha trì àiteachan san RA far a bheil busaichean-tràilidh a’ ruith san latha an-diugh, Taigh-tasgaidh a’ Bhlack Country ann an Dudley, Taigh-tasgaidh Còmhdhail East Anglia agus Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh ann an Sandtoft faisg air Doncaster.

Ann an Sandtoft, tha cothrom agad rud sònraichte a dhèanamh nach gabh dèanamh ann an àite sam bith eile – turas a ghabhail air bus-tràilidh à Glaschu. Bha siostam tràilidhean ann an Glaschu eadar 1949 agus 1967 a bha a’ toirt seachad còmhdhail phoblach a bha glan is èifeachdach.

Nuair a dhùin an lìonra ann an 1967, chaidh 3 tràilidhean a shàbhaladh. Tha fear ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh na Còmhdhail ann an Glaschu, tha fear ann an làmhan prìobhaideach agus tha am fear mu dheireadh a’ ruith ann an Sandtoft.

Ged nach eil tràilidhean a’ ruith ach ann an Taighean-tasgaidh an-dràsta, thathar an dòchas gum fosgail lìonra tràilidh ùr ann an Leeds anns na bliadhnaichean a tha romhainn – ach tha seo a’ crochadh air taic bhon Riaghaltas. Tha athchuinge ann a tha ag iarraidh air an riaghaltas taic a thoirt don sgeama aig:

http://www.38degrees.org.uk/page/s/trolleybus

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun sgeama airson Leeds an seo:

http://www.ngtmetro.com/

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s