Stèisean ùr airson Cnoc na h-Abaide?

Tha Iomairt Rèile a’ Phrìomh-Bhaile (CRAG – Capital Rail Action Group) air iomairt a thòiseachadh gus sub Dhùn Èideann ath-fhosgladh do luchd-siubhail. Mar phàirt de seo, tha iad cuideachd a’ moladh gum bu chòir stèisean ùr a bhith ann an Cnoc na h-Abaide (Abbeyhill).

http://news.scotsman.com/transport-news/Call-to-revive-train-station.6746267.jp

Bha mi a’ fuireach ann an Cnoc na h-Abaide ann an Dùn Èideann fad naoi bliadhna agus tha mi uamhasach dèidheil air an àite.

B’ àbhaist stèisean rèile a bhith ann gu 1964 agus bhiodh e furasta gu leòr stèiseanan ùra a thogail aig Cnoc na h-Abaide agus aig Piershill air an lùb far prìomh-loidhne na costa an ear a tha a’ ceangail an dà àite. B’ urrainnear stèisean a thogail aig Meadowbank cuideachd far an robh stèisean sealach ann aig àm geamaichean a’ cho-fhlaitheis ann an 1986.

Tha barrachd mu na molaidhean aig CRAG ri faicinn air an làraich-lìn aca.

Làrach stèisean Chnoc na h-Abaide

Làrach stèisean Chnoc na h-Abaide

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s