Gàidhlig air na rathaidean-iarainn

Dùn Breac dà-chànanach

Dùn Breac dà-chànanach

Tha Gàidhlig a-nis ri faicinn air feadh na h-Alba agus soidhnichean dà-chànanach a’ dol suas ann an stèiseanan ScotRail air feadh na dùthcha agus suaicheantas dà-chànanach air na trèanaichean.

Is iad na gaisgich gaisgeil aig Ainmean-àite na h-Alba a tha air na cruthan Gàidhlig a thoirt seachad airson nan soidhnicihean. Tha na h-ainmean stèisean, cho math ris na ceudan de dh’ainmean-àite eile, rim faighinn air stòr-dàta air-loidhne na buidhne.

Tha am poileasaidh dà-chànanach seo fìor mhath ach chan eil an dà stèisean as motha ann an Alba – Waverley Dhùn Èideann agus Glaschu Mheadhain – air an ruith le ScotRail ach le Network Rail.

Tha Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu air sgrìobhadh gu Network Rail ag iarraidh orra soidhnichean Gàidhlig a chur suas anns na stèisesanan aca.

Ma tha thu fhèin airson sgrìobhadh, tha foirm air-loidhne ann aig:

http://www.networkrail.co.uk/aspx/2709.aspx

Margadh an Fheòir

Margadh an Fheòir

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Gàidhlig air na rathaidean-iarainn

  1. Tha mi air sgrìobhagh thuca. An d’fhuair IGG fhreagairt?

    'S toil

    • Chan eil fhios agam – gheibh mi a-mach.

      Ach sgrìobh mi fhèin a-steach thuca agus fhuair mi freagairt nach robh idir dòchasach no taiceil. Thuirt iad nach biodh e a rèir an aithne-chorporra aca nam biodh Gàidhlig air na soidhnichean. (Agus chan eil stèisean sam bith aig Network Rail sa Chuimrigh is mar sin chan eil èisimpleir sam bith eile san lìonra). Tha mi a’ dol a phostadh rudeigin eile air a’ bhlog seo air a’ chuspair seo taobh a-staigh làtha no dhà cuideachd.

      'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s