Bidh barrachd Gàidhlig ri faicinn air na rathaidean-iarainn ann an ùine nach bi fada agus ìomhaigh chorporra ùr ScotRail gu bhith a’ dol air soidhnichean ann am barrachd stèiseanan a dh’aithghearr. Anns na beagan mhìosan a tha romhainn, thèid soidhnichean ùra a chur suas ann an Inbhir Ghobhraidh, Addiwell, Brunstane, Curriehill, Fauldhouse, Kingsknowe, Leth Pheairt agus Port na Banrighinn. Bidh an tionndadh Gàidhlig air gach soidhne far a bheil ainm Gàidhlig air an àite.
A bharrachd air seo, thathar air tòiseachadh air dathan ùra ScotRail a chur air dà chlas eile de thrèanaichean, clasaichean EMU (electric multiple units – ioma-aonadan dealain) 314 agus 320. Bidh na 314an a’ ruith air Cearcall Cathcart agus loidhne Bhaile Nèill agus bidh na 320an a’ ruith air loidhne Chluaidh a Tuath eadar Muileann Gàidh/Bealach agus Allt an Fhuarain/an t-Àrd Ruigh.

Clas 320 aig Coatbridge Sunnyside