Rathad-iarainn Cheann Loch Lìobhann

 
Stèisean Cumhachd Cheann Loch Lìobhann
Stèisean Cumhachd Cheann Loch Lìobhann

Bha mi ann an Ceann Loch Lìobhann bho chionn dà sheachdain agus mi a’ coiseachd slighe na Gàidhealtachd an Iar.

 

Bha rathad-iarainn caol-ghèidse dealanach anns a’ bhaile uair. Bha e furasta gu leòr làrach na loidhne a leantainn eadar an t-ionad cumhachd / làrach an t-seann ionad-leaghaidh don chidhe air Loch Lìobhann. Bha dealbhan den rathad-iarainn anns an ionad turasachd agus anns an taigh-òsta ach tha e air fàilligeadh orm rud sam bith faighinn a-mach mun rathad-iarainnn air loidhne no ann an gin de na leabhraichean a th’ agam. A bheil fiosrachadh aig duine sam bith mun rathad-iarainn iongantach seo?

 

Bha iomairt ann bho chionn beagan bhliadhnaichean gus an rathad-iarainn seo ath-fhosgladh mar rathad-iarainn smùid do luchd-turais ach tha mi air cluinntinn bhon uair sin nach robh ùidh gu leòr aig daoine sa phròiseact seo agus gu bheil e a-nis air a dhol bàs. 

Làrach Rathad-iarainn Cheann Loch Lìobhann
Làrach Rathad-iarainn Cheann Loch Lìobhann

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Rathad-iarainn Cheann Loch Lìobhann

  1. Thuirt Padruig:

    Chan eil mothan fios agamsa mu deidhinn ach gur e trachdadh an rathad-iaruinn seo bauxite a-steachd agus Aluminium a-mach. Anns an latha a thogadh na “h-obraichean -uisge” aig Ceann Loch Loibhain- i.e.. An taigh-leaghaidh Aluminiuim b’e bata-smuid an doigh as eifeagachd a ghiulan saluinn-Aluimineachd a-steachd don sgire agus na muicean-Aluimineim air falbh don luchd-cheannaich, Bha an rathad-iaruinn pairt den acfhuinn- seo aobhar cumanta airson togail rathaidean-iarainn chun latha an diugh .
    Chaidh an dealanachadh le teudan os-cionn. Is docha an rathad-iarainn bhathair bu tratha an Albainn a bhi uidheamaichte ‘s an doigh seo. Is coltach gu robh an siostam uidheamaichte le uaganan-trabhailte agus innealan den cruth “bothag-stiopail” – tha sin ri radh gu robh an uidheam os cionn na stocan fo cisteachadh iosail aig gach ceann agus bha bothag an fear-iomain suidhichte ann an meadhan an t-innil, coltach ri stiopal ag eiridh thar druim eaglais. Bha an uidheam airson tarruinn cumhachd far na teudan suidhichte air mullach na bothaig. Tha mi a’ smaointinn gun deachaidh tarruinn cumchachd tro “slatan-roileag” seachd beart pantograf. Bha loidhne nan gat ri gach aghaidh den laimhrig agus ‘s docha rathad-teichidh sios a’ mheadhan ach sin direach an measadh agam fhein- Tha cothrom gun gheibheadh tu dealbhan den eagar far an iris 1902 de na cairtean-dealbh OS 25oirlich a tha ri sgrudadh ‘s an leabhar-lann naiseanta (sios taobh thall na meadows). Chunnaic mi dealbh den laimhrig

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s