Turas gu Beamish

 
Trama Sunderland 16, Beamish
Trama Sunderland 16, Beamish

Tha mi air turas-rèile eile air an “liosta-bucaid” agam a dhèanamh. Chaidh mi fhèin is m’ uncail Derek gu Taigh-tasgaidh Beamish faisg air a’ Chaisteal Nuadh an t-seachdain sa chaidh.

Is e taigh-tasgaidh beò no living museum a th’ ann am Beamish, a tha a’ feuchainn ri eachdraidh ceann a tuath Shasainn a thoirt beò. Tha an t-àite airson an teaghlaich air fad; tha tuathanas le beathaichean, seann bhùithtean, seann sgoil, seann eaglais, seann mhèinn agus mar sin air adhart agus tha a h-uile rud ag obair mar a bha e air ais anns na 1820an no 1910an agus faodar a dhol a-steach gu gach àite agus daoine fhaicinn ann an aodaich eachdraidheil.

Nas cudromaiche, ge-tà, tha trèanaichean is tramaichean gu leòr ann. Tha tòrr ann! Tha loidhne-trama ann a tha a’ dol timcheall an àite ann an cearcall a tha còrr is mìle gu leth a dh’fhaide.

A bharrachd air seo, chunnaic mi còig diofar rathaidean-iarainn. Tha am Pockerley Waggonway ann, rathad-iarainn smùid tràth den t-seòrsa a bhiodh ann c1825 far an robh cothrom a dhol air trèana a bha air a tharraing le moda de Puffing Billy. Bha modalan ann cuideachd den Ailbhean Smùid agus den Locomotion. Bha e gu math salach is cugallach agus chòrd e ruinn glan.

Chaidh sinn an uair sin don mhèinn far am faca sinn einnseinnean bathair mar a bha iad aig deireadh nan 19mh / tòiseach an 20mh linn.

Bha rathad-iarainn mèinne caol-ghèisde ann cuideachd den t-seòrsa a chitheadh tu ann am mèinn no cuairidh.

Tha stèisean-rèile ann às na 1910an cuideachd agus bha cothrom againn turas beag a ghabhail ann an trèana àlainn.

Mu dheireadh, chaidh sinn air meanbh-rèile the Coghill Railway , meanbh-rèile sgoinneil le loidhne gu math fada is lùbach.

Tha Beamish dìreach sgoinneil agus còrdaidh e ri “tramarag” sam bith agus ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn.

Puffing Billy, Beamish

Puffing Billy, Beamish

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s