Na Tròsaichean – tìr gun Ghàidhlig gun rathaidean-iarainn

Sir Walter Scott aig Cidhe nan Tròsaichean

Sir Walter Scott aig Cidhe nan Tròsaichean

Chaidh sinn air turas gu na Tròsaichean an-dè airson a dhol air turas-bàta air Loch Ceiteirein air a’ bhàta-smùid Sir Walter Scott.

Is e àite àlainn, àlainn a th’ anns na Tròsaichean ach aig an aon àm, tha rudeigin caran brònach mun àite. B’ àbhaist lìonra-rèile fìor mhath a bhith ann an Garbhchrìochan Pheairt is Shruighlea (na pàirtean de Shiorrachd Pheairt is Shruighlea a th’ air a’ Ghàidhealtachd) ach chaidh sgrios a dhèanamh air le Beeching. Mar sin, an àite a bhith a’ siubhail do sgìre Rob Ruaidh air trèana ghlan, luath, tha againn ri dhol ann ann an càr salach air rathaidean slaodach lùbach.

B’ àbhaist rathad-iarainn a bhith ann eadar Glaschu (taobh Druimeann, Gart an Easa agus Baile Freòin) is Obar Phuill agus Sruighlea taobh Portof Mentieth (chan eil fhios agam dè a’ Ghàidhlig a th’ air) is Ceapan. Bha fear eile ann eadar Dùn Bhlàthann, An Dùn, Calashraid, Baile Phudair agus Cill Fhinn is a’ Chrìon-làraich. Bha rathad-iarainn eile ann eadar Craoibh agus Baile Phudair taobh Cuimrigh agus Ceann Loch Èireann cuideachd.

Bha lìonra-rèile feumail ann agus bhiodh e gu math trang san latha an-diugh nan robh e fhathast ann. Chan eil e coltach gum faic sinn rathad-iarainn ceart a-rithist ach saoil am faic sinn rathad-iarainn smùid sna Tròisaichean latha de na làithean?

‘S e an rud eile mun sgìre a tha caran brònach nach eil Gàidhlig sam bith ri faicinn ann ged a tha e cho Gàidhealach ris a’ chrodh.

Stèisean Calashraid, obair olc Beeching

Stèisean Calashraid, obair olc Beeching

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn dùinte. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s