Tramaichean gu leòr: first we take Coatbridge, then we take Berlin!

Glaschu 1017
Glaschu 1017. Tha mi air seo a dhràibheadh – cò am broc!

Is e Diardaoin an latha as fheàrr leam oir ’s ann air an latha sin a bhios mi a’ faighinn cothrom trama a dhràibheadh!

Tha an slighe-tramaichean ann an Taigh-tasgaidh Summerlee ann an Coatbridge air a ruith le saor-thoilich agus tha iad daonnan a’ sireadh dràibhearan ùra.

Mus tèid do leigeil mu sgaoil aig stiùir trama, ge-tà, feumaidh tu cùrsa sia seachdainean a dhèanamh agus deuchainn a shuidhe. Tha mi lethach slighe tron chùrsa dràibhidh an-dràsta.

Chan eil tramaichean uamhasach doirbh obrachadh agus gabhadh an draibheadh fhèin ionnsachadh ann an latha no dhà ach tha tòrr eile ann ri ionnsachadh – na riaghailtean, dè nì thu ma thèid dad ceàrr 7c. Tha seo air leth cudromach oir tha am poball gu bhith air bòrd!

Tha mi ag ionnsachadh dràibheadh air Glaschu 1017, trama singilte a chaidh a chleachdadh mar ‘an càr sgoile’ – an càr do dhràibhearean ùra ann an Glaschu. Nuair a dhùin siostam tramaichean Ghlaschu ann an 1962, chaidh 1017 a chleachdadh mar seada ann an gàrradh ann an Camas Long fad iomadh bliadhna ach chaidh ath-nuadhachadh sna 2000an.

A-nochd bha an t-uisge a’ dòrtadh ach bha Summerlee trang le daoine a bha air tighinn don taigh-tasgaidh airson bhòtadh san taghadh nàiseanta. An ath thuras, bu chòir do Chomhairle Siorrachd Lannraig a Tuath tursan trama saor is an asgaidh a thoirt do gach duine a tha a’ tighinn a-mach airson bhòtadh san taghadh!

Chan eil ach loidhne ghoirid ann an Coatbridge ach tha lìonra mìorbhaileach ann am Berlin far am bi mo cho-obraiche Marc a’ dol aig deireadh na seachdain. Bha mi ann an-uiridh agus tha an siostam thramaichean dìreach sgoinneil: saor, luath agus co-cheangailte ri seirbheisean rèile, U-Bahn, S-Bahn agus bus. Bhiodh e math a leithid fhaicinn ann an Glaschu no Dùn Èideann. Gur math a thèid leat a Mharc agus na diochuimhnich dealbhan a thogail de na tramaichean!

Trama Berlin
Trama Berlin

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s