Àrd amasan airson ath-fhosgladh

Tha iomairtean gu leòr ann gus seann rathad-iarainn ath-fhosgladh. Tha a’ mhòr-chuid a’ feuchainn ri meur-loidhne ghoirid ath-fhosgladh do luchd-siubhail no mar rathad-iarainn smùid mar chur-seachad.

Tha buidheann ann an iar-dheas Shasainn aig a bheil amas tòrr nas àìrde. Sin an New Somerset and Dorset Railway a tha a’ feuchainn ris an Somerset and Dorset Joint Railway ath-fhosgladh. ’S e mòr-loidhne fada a bha seo eadar Bath agus Bournemouth agus chaidh a dhùnadh gu connspaideach ann an 1966.

Tha dhà no trì pàirtean beaga den loidhne air fosgladh as ùr do luchd-turais ach chan e trèanaichean smùid air trac goirid a tha fa-near don phròiseact ach an loidhne air fad ath-fhosgladh airson luchd-siubhail is còmhdhail.

Tha adhbharan àrainneachdail air cùl na h-iomairt seo: blàthachadh na cruinne agus peak-ola. Tha a’ bhuidheann air aon stèisean – Midford – a cheannachd mar-thà agus tha iad ag amas air tòrr a bharrachd.

Chan eil fhios agam an soirbhich leis a’ phròiseact seo ach tha an lèirsinn agus a’ mhisneachd aca fìor mhath agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhaibh.

Tha sàr-bhlog aig an New S&D. http://somersetanddorset.blogspot.com/

Nam biodh sinn airson iomairt den t-seòrsa sin a chur air dòigh ann an Alba, dè an loidhne a bu chòir a bhith ann? Galashiels – Carlisle? An Luachair – Cill Rìmhinn agus air adhart?

Beachd sam bith aig daoine?

Fife Coast Express, Inbhir Liobhann
Fife Coast Express, Inbhir Liobhann – am faic sinn fior Fife Coast Express a-rithist?

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s