Siubhail gun siucair ann an Srath Abhainne

Meanbh-rèile Shrath Aibhne

Glè mhath ach càite a bheil an trèana...., meanbh-rèile Shrath Abhainne

Bha mi a’ gearain an seo roimhe mu cho doirbh sa tha e a bhith a’ faighinn a-mach mu mheanbh rathaidean-iarainn. A rèir coltais, chan eil na daoine a tha gan ruith airson sansachd sam bith a dhèanamh mun deidhinn. Làrach-lìn – dè? Facebook – dè fon ghrèin a tha sin? Irisean rèile – o, eil an leithid dè rud ann? Soidhnichean mu uairean is làithean fosglaidh aig na rathaidean-iarainn fhèin – carson idir a dhèanamaid sin?

‘S ann mar sin a bha cùisean a-rithist Didòmhnaich. Chaidh mo dhùsgadh tràth le ceòl àrd sgriosail oir bha 10K nam ban a’ tòiseachadh taobh a-muigh an taighe againn agus mar sin, theich mi airson a dhol air turas rèile mòr an t-saoghail eile; gu meanbh-rèile Shrath Abhainne (Strathaven) ann an Siorrachd Lannraig a Deas.

‘S e baile gu math mì-fhortanach a th’ ann an Srath Abhainn – cho fad air falbh bho Dhia, cho faisg air Cille Brìghde an Ear – agus ged a bha dà stèisean rèile ann uair, chan eil anns a’ bhaile a-nis ach meanbh-rèile anns a’ phàirc.

Às dèidh tòrr rannsachaidh air-loidhne, fhuair mi a-mach gun robh (no gur dòcha gun robh) an rathad-iarainn fosgailte gach Didòmhnaich eadar a’ Chaisg agus an Dàmhair agus mar sin, chaidh mi ann.

Ràinig mi an t-àite agus lorg mi a’ phàrc is an rathad-iarainn. Cha robh sgeul air duine sam bith is cha robh fiosrachadh sam bith mun rathad-iarainn air a’ bhòrd-fiosrachaidh sa phàirc no ann an àite sam bith eile. Dè tha ceàrr air an deilbh seo?

Ged nach robh an trèana fhèin a ruith, ge-tà, fhuair mi dealbhan den rathad-iarainn fhèin. Feumaidh mi feuchainn a-rithist.

Agus ma tha fios agaibh cuine a tha an rathad-iarainn seo fosgailte, na bi leisg fios a chur thugam……

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s