Tramaichean sa chànain eile! (Tramoj en la alia lingvo!)

Rinn mi òraid mu thramaichean oidhche Mhàirt ann an Esperanto airson Comann Esperanto Ghlaschu – la Glasgova Esperanto-grupo.

Bha agam ri beagan rannsachaidh a dhèanamh ro làimh air na siostaman trama ann an Alba. Bha fios agam gun robh lìonra trama sgoinneil ann an Glaschu, Dùn Èideann, Dùn Dè agus Obar Dheadhain agus gun robh siostam beag no dhà eile ach cha robh fios agam idir gun robh an uiread dhiubh ann. Seo an liosta air fad:

 Baile Bhòid                           1902 – 1931

Cair Chaladain                      1903 – 1931

Cille Mhearnaig                     1904 – 1926

Dùn Breatann                         1907 – 1928

An Eaglais Bhreac                 1905 – 1936

Grianaig                                1901  – 1929 

Inbhir Air                               1901 – 1931

Peairt                                   1905 – 1929

Schd Lannraig                       1903 – 1931  

(Tobar na Màthar, Wishaw, Hamilton, Taigh na h-Uiseig 7c)

 Bha siostam tramaichean-eich ann an Sruighlea uair cuideachd ach cha robh tramaichean dealain riamh ann.

 Smaoinich! ‘S bochd nach eil gin aca air fhàgail an-diugh agus cruaidh fheum againn orra a-nis.

 (Ma tha duine sam bith ag iarraidh lethbhreac den òraid agam an Esperanto, dìreach leig fios!)

Siorrachd Lannraig 53

Siorrachd Lannraig 53

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s