Ag ionndrainn a’ Fife Coast Express

 

"A Mournful sound in B", Eilean Mhàigh

"A Mournful sound in B", Eilean Mhàigh, Fìobh

Anns an liosta de na daoine as uilce san 20mh linn, chan eil teagamh sam bith ann nach bi am Morair Beeching (leac air a bheul!) sa phrìomh deich.

 Bha sinn ann an Eilean Mhàigh (Isle of May) ann am Fìobh an-dè airson nan eun mara fhaicinn. Fhuair sinn am bàta à Ànstruthair (Anstruther) agus chuir sinn oidhche Shathairne seachad ann an Cathair Aile (Crail). Tha mi a’ dol gu Lìobhann an ath-sheachdain cuideachd airson latha fosgailte Comann glèidhteachas rèile Rìoghachd Fìobha (Kingdom of Fife Railway Preservation Society). Dè a th’ aig na bailtean seo uile sa chumantas? Bha iad uile air loidhne costa Fìobha an Ear-thuath: An Luachair (Leuchars)-Cill Rimhinn-Ànstruthair -Lìobhann-Thornton Junction.

 Taing Beeching. Bha is bidh agam ri dràibheadh còrr is dà uair a thìde à Glaschu, tòrr air rathaidean lùbach, caol, slaodach. Cha do dh’fhàg e fiù’s an rathad-iarainn gu Cill Rìmhinn, baile mòr cudromach far a bheil na mìltean mòra a dol gach bliadhna airson goilf, turasachd agus airson an oilthigh.

 Tha an t-àm ann rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh thàmailteach seo!

 1)     An rathad-iarainn ath-fhosgladh eadar Thornton Junction agus Lìobhann ath-fhosgladh. Tha an trac fhathast sìos agus is e baile bochd a tha feumach air leasachadh eaconomach a th’ ann an Lìobhann/Methil.

2)     An rathad-iarainn ath-fhosgladh eadar an Luachair agus Cill Rìmhinn. Tha iomairt ann gus seo a dhèanamh: http://www.starlink-campaign.org.uk/

3)     Rudeigin a dhèanamh sa mheadhan: tha na mìltean de luchd-turais a’ dol gu Ànstruthair, Cathair Aile, Baile na h-Uamha (Pittenweem), An Ealaidh (Elie).

Tha an t-ionad gàirnealaireachd a tha ann an togalach an stèisein ann an Cathair Aile air dùnadh. Tha deagh chothrom ann rathad-iarainn smùid a ruith a-mach às a seo oir tha làrach na loidhne a dh’ionnsaigh Cill Rìmhinn fhathast ann (ged a tha obair togail air a bhith ann an Cill Rìmhinn fhèin).  

 Agus san ùine fhada, bhiodh iomairt mhòr lèirsinneach math: iomairt gus an loidhne air fad ath-fhosgladh mar a thachair le loidhne nan Crìochan. ‘S e obair mhòr a bhiodh ann agus canaidh cuid nach gabh a dhèanamh ach thuirt iad sin mu rathad-iarainn nan Crìochan cuideachd agus thathar ga h-ath-thogail an-dràsta fhèin.

 Ma tha ùidh aig duine sam bith san latha fhosgailte ann an Inbhir Lìobhann, tha e gu bhith a’ gabhail àite 22 Cèitean 2011 eadar 10m agus 2f. Faic làrach-lìn KFPRS airson barrachd fiosrachaidh.

 http://www.facebook.com/?ref=logo#!/kfrps

http://www.btinternet.com/~ijross/

 

KFRPS, Lìobhann: Fosgailte Didòmhnaich seo

KFRPS, Lìobhann: Fosgailte Didòmhnaich seo

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Ag ionndrainn a’ Fife Coast Express

  1. Tha mi dìreach air cluinntinn gun deach an latha fosgailte aig KFRPS a chur dheth. Leigidh mi fios nuair a bhios an ceann latha ùr air fhoillseachadh.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s