Loidhnichean dùinte (1)

Lochty Private Railway, 1986

Lochty Private Railway, 1986

Tha dà de na rathaidean-iarainn air an do shiubhail mi air dùnadh. ‘S ann air a’ chiad fhear dhiubh a bha mo chiad turas trèana riamh. B’ e sin Rathad-Iarainn Lochaidh (Lochty Private Railway) ann an ear-thuath Fìobha.

 Bhiodh mo theaghlach a’ dol gu Cathair Aile (Crail) gach bliadhna agus aon latha air ais ann an 1978 nuair a bha mi ceithir bliadhna a dh’aois, chaidh mi ann le mo sheanair. Chaidh sinn air an trèana gu ceann na loidhne ann an Knightsward agus air ais agus an uair sin, bha cothrom aig a’ chloinn a dhol a-steach don einnsean fhèin.

 Chuir an teine mòr eagal mo bheatha orm le cho teth sa bha e agus leis an fhuaim a rinn e. Chaidh sinn air ais don rathad-iarainn iomadh turas anns na bliadhnaichean às dèidh sin, gu h-àraidh ann am meadhan nan 1980an nuair a bha mi dìreach craicte mu thrèanaichean.

 B’ e Lochaidh a’ chiad rathad-iarainn glèidhte (preserved) ann an Alba. Dh’fhosgail e ann an 1967 agus dhùin e ann an 1992. Chan eil mi buileach cinnteach carson a dhùin e, ach feumaidh gun robh e co-cheangailte ri cho iomallach sa bha an t-àite. Bha e suidhichte air rathaidean-B fad a bha fad air falbh bho Chill Rìmhinn no baile sam bith eile far an robh sluagh mòr ann agus bha e gu math doirbh a lorg.

 Chan eil sgeul air an rathad-iarainn a-nis ach gu fortanach, tha Lochaidh air dìleab fhàgail: Comann Glèidhteachas Rèile Fìobha (KFPRS) aig a bheil loidhne ghoirid ann an Lìobhann aig a bheil tòrr den uidheamachd a bh’ aig Lochaidh. Chan eil an Rathad-iarainn seo fosgailte ro thric ach bi e fosgailte 22 Cèiltean ma tha ùidh aig duine sam bith ann.

 Tha an rathad-iarainn seo gu math coltach ri Lochaidh – rathad-iarainn prìobhaideach den t-seann-sgoile – tòrr rudan meirgeach, trac lùbach cugallach robach is gun feairt sam bith ga chur air slàinte is sàbhailteachd. Dìreach mar bu chòir! Tha na rathaidean-iarainn ann am Bo’ness is Srath Spè fìor mhath is air leth proifeiseanta is gleansach ach tha e math cuideachd a bhith a’ dol fada ro luath air trac a tha a’ tighinn às a’ chèile air bucaid meirge!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Loidhnichean dùinte (1)

  1. Tha mi air cluinntinn gun deach an latha fosgailte air 22 Cèitean a chur dheth. Bah! Bidh mi a’ dol don Royal Deeside Railway ann am Beannchar na àite a-nis.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s