Rathaidean-iarainn dùinte (2)

 

Rèile Muile, Creag an Iubhair

Rèile Muile, Creag an Iubhair

Bha mi a-mach an turas mu dheireadh air Rathad-iarainn Lochaidh (Lochty Railway), a’ chiad rathad-iarainn glèidhte ann an Alba, a dhùin ann an 1992.

 Bha mi cuideachd air a’ chiad rathad-iarainn do luchd-siubhail air eilean ann an Alba. B’ e seo rèile Mhuile eadar Creag an Iubhair agus Torosay. B’ e meanbh-rèile a bha seo ach eu-choltach ris a’ mhòr-chuid de mheanbh rathaidean-iarainn, bha e gu math fada – còrr is mìle a dh’fhaide– agus bha e cuideachd a’ toirt seachad seirbheis còmhdhail don phoball eadar am bàta-aiseig agus an caisteal.

 Bha an rathad-iarainn, a dh’fhosgail ann an 1983 gu math soirbheachail fad iomadh bliadhna gus an do dhùin an caisteal don phoball an-uiridh.

 Chan eil e idir cinnteach de a thacharas don chaisteil a-nis no am fosgail e don phoball a-rithist agus air an adhbhar seo, bha aig an rathad-iarainn ri dùnadh.

 Tha muinntir an rathad-iarainn a-nis a’ beachdachadh dè bu chòir dhaibh dèanamh a-nis. Air eagal ‘s nach tèid aca air fosgladh ann am Muile a-rithist, tha iad a’ beachdachadh air àiteachan eile air a’ Ghàidhealtachd, nam measg Eilean Ì.

 Ma tha iad a’ lorg àite eile air a’ Ghàidhealtachd, dè mu dheidhinn an Eilein Sgitheanaich no Ratharsair far an robh rathaidean-iarainn caol-ghèidse ann uair agus far a bheil luchd-turais gu leòr ann?

 No dè mu dheidhinn rudeigin air làrach rathad-iarainn dùinte sna Tròsaichean far a bheil seallaidhean brèagha ann agus na mìltean de luchd-turais?

Chaidh mi don rathad-iarainn seo ann an 2008 agus abair thusa gun robh e àlainn is proifeiseanta. An dòchas gum faic sinn an rathad-iarainn seo a-rithist, ge b’ e càite am bi e!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s