Rathad-iarainn ùr eile sna Crìochan

Tha fios againn uile gu bheilear ag ath-fhosgladh na loidhneWaverleyeadar Dùn Èideann agus Galashiels/Tweedbank. Ach an robh fhios agad gu bheil buidheann eile ann a tha gu bhith ag ath-fhosgladh barrachd den t-SligheWaverleydeas air Hamhaig?

Is e seo an Waverley Route Heritage Association (WHRA) a tha ag ath-thogail mìle no dhà aig Whitrope mar rathad-iarainn turasachd. Tha obair air a bhith a’ dol air adhart fad seachd bliadhna no mar sin agus tha an trac a-nis sìos agus deiseil airson cleachdadh. 

‘S e an duilgheadas a bh’ ann gu ruige seo nach robh loco aca. Bidh an suidheachadh bronach seo ag atharrachadh a dh’aighearr oir tha an WHRA gu bhith a’ faighinn shunter air iasad. Tha seo a’ ciallachadh gun ruith trèanaichean a-rithist airson a’ chiad turais bho 1969 aig an latha fosgailte aca air 16/17 Iuchar. ‘S mi a bhios ann!

 Tha deagh bhlog aig an WHRA aig: http://waverleyrouteha.wordpress.com/.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s