Turas don Ear-thuath (1)

Bha mi air ais ann an iar-thuagh Fhìobha a-rithist an t-seachdain sa chaidh. Bha mi gu bhith a’ dol ann airson latha-fosgailte aig Comann Glèidhteachas Rèile Rìoghachd Fìobha (Kingdom of Fife Railway Preservation Society) ann an Lìobhann ach chaidh a chur dheth aig a’ mhionaid mu dheireadh. A dh’aindeoin sin, chaidh mi don Rìoghachd co-dhiù agus chuir mi an oidhche seachad ann an Cathair Aile (Crail) gus feuchainn ri beagan de làraich seann loidhnichean rèile a lorg.

 Chaidh mi air turas air na rathaidean-B beaga lùbach gus feuchainn ri làrach Rathad-iarainn Lochaidh (Lochty Private Railway) a lorg. Chaidh a thogail ann an 1898 mar phàirt de Rathad-iarainn Meadhan Fhìobha an Ear (East Fife Central Railway) agus às dèidh da dhùnadh ann an 1964 chaidh ath-fhosgladh mar a’ chiad rathad-iarainn glèidhchte (preserved railway) ann an Alba ann an 1967.

Knightsward 1986

Stèisean Knightsward 1986

Dhùin Lochaidh ann an 1992 agus is e glè bheag a tha air fhàgail dheth an-diugh. Rinn mi a’ chùis ge-tà is lorg mi stèiseanan Lochaidh is  Knightsward. Mur an robh cuimhne agam fhèin air an rathad-iarainn, cha bhithnn a’ creidsinn gun robh an leithid riamh ann.

Làrach stèisean Knightsward 2011

 An uair sin, chaidh mi don Old Station B&B faisg air Cill Rìmhinn gus làrach stèisean Sravithie a lorg a bha air loidhne Costa an Ear Fhìobha.

Làrach Stèisean Sravithie, Cill Rìmhinn
Làrach Stèisean Sravithie, Cill Rìmhinn

 Chaidh sinn gu tuath an uair sin gus tadhal air Royal Deeside Railway Preservation Society ann am Beannchar agus air Rathad-iarainn Àthfort. Barrachd mun turas gu Siorrachd Obar Dheathainn an ath thuras.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s