Turas don Ear-thuath (2)

Às dèidh turas gu Lochaidh (Lochty), rinn sinn air Siorrachd Obar Dheathain gus Rathad-iarainn Oir Dhè (Deeside Railway) fhaicinn.

 San dol seachad, mhothaich mi gun robh cha mhòr a h-uile ainm-àite eadar Fìobh agus an rathad-iarainn às a’ Ghàidhlig ged a tha daoine duine daonnan ag innse dhomh nach buin a’ chànain ris an Ear-thuath….

 Tha Rathad-iarainn Oir Dhè suidhichte ann an Crathais le mu mhìle de thrac gu faisg air Beannchar. Ged nach eil ach aon stèisean aca an-dràsta (Crathais), tha  planaichean ann gus an loidhne leudachadh gu Beannchar agus stèisean ùr a thogail an sin.

 Chaidh Comann Glèidheachas Rathad-iarainn Oir Dhè a stèidheachadh ann an 1996 gus an loidhne eadar Obar Dheathain is Bealadair ath-fhosgladh. Tha an rathad-iarainn glèidhte mar phàirt den phròiseact seo.

 Tha an loidhne gu math brèagha agus i ri taobh na h-aibhne agus seallaidhean de na beanntan rim faicinn. Tha i car dìreach is goirid an-dràsta ach thèid an suidheachadh seo a chur ceart nuair a thèid an loidhne a leudachadh. Tha an stèisean fhèin uamhasach àlainn agus tha planaichean ann gus an togalach à Stèisean Old Meldrum a chur ann gus am bi e na stèisean Bhictorianach ceart.

Stèisean Crathais

Stèisean Crathais

 Tha ceithir einnseinnean diesel aca – dà chlas 03, clas 14 (“teddy bear”) agus shunter Barclay, agus einnsein smùid – am Bon Accord, a b’ àbhaist a bhith ag obair ann an Ionad Gas Obar Dheathain. Nas inntinniche tha Sputnik aca, seadh, Sputnik! Is e BEMU a th’ ann. BEMU?Battery Electric Multiple Unit! Chaidh an t-aonad seo a thogail gu sònraichte airson na loidhne agus bhiodh e a’ cleachdadh dealan às na sgeamaichean dealain-uisge air a’ Ghàidhealtachd airson a ruith.

 Bha mi nam shuidhe ann an Sputnik agus dh’innse an dràibhear dhomh gun robh mi a’ suidhe sa chathair a bh’ aig Mathair na Banrigh nuair a bhiodh an teaghlach rìoghail a’ dèanamh air Baile Mhoireil (Balmoral) air an trèana. Ghluais mi gu suidheachan eile…….

 Is e rathad-iarainn proifeiseanta àlainn a tha seo agus mholainn gu làidir e.

Sputnik

"I'm not kidding, that boy's head is like Sputnik; spherical but quite pointy at parts! Now that was offside, wasn't it? He'll be crying himself to sleep tonight, on his huge pillow." (So I married an Axe Murderer, 1993)

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Turas don Ear-thuath (2)

  1. Pingback: Ath-thilleadh Sputnik! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s