Gotcha! Meanbh-rèile Shrath Aibhne mu dheireadh thall

Meanbh rathad-iarainn Shrath Aibhne

Meanbh rathad-iarainn Shrath Aibhne

Ruigidh an t-each mall am muileann uaireigin…..

 Às dèidh dhomh a bhith a’ feuchainn fad iomadh bliadhna, chaidh mi gu meanbh-rèile Srath Aibhne Didòmhnaich agus bha e fosgailte!

 Mhothaich mi fàileadh milis na smùid mus cuala mi is mus faca mi an rathad-iarainn.  

 Is e rathad-iarann beag snog a th’ ann le craobhan is preasan a’ fàs ri taobh an traic. Tha e ann an oisean beag den phàirc agus mar sin bha mi a’ smaoineachadh nach maireadh an turas ach mionaid no dhà ach ‘s ann a bha mi ceàrr. Tha trì loidhnichean eadar-dhealaichte air an làraich agus bidh thu a’ dol timcheall trì tursan air na loidhnichean is lùban eadar-dhealaichte.  Tha an dà chuid locothan smùid is diesel a’ ruith agus uaireannan tha dà thrèana a’ ruith aig an aon àm.

 Is e meanbh-rèile sgoinneil a tha seo ach thoir an aire – tha e car coltach ri Brigadoon chan eil e fosgailte ach mu aon latha gach ceud bliadhna agus tha e air leth fhèin doirbh faighinn a-mach dè an latha a bhios ann!

 

Tha an t-slighe eadar Cille Bhrìghde an Ear agus Srath Aibhne math cuideachd. Às dèidh fear de na bailtean as gràinde san t-saoghal fhàgail, tha cuid de na seallaidhean as fheàrr ann an Siorrachd Lannraig rim faicinn.

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s