Trèana fho-thalamh ann an Eilean Àrainn?

 Bha sinn ann an Eilean Àrainn, Siorrachd Bhòid, aig deireadh na seachdain airson bainnse.

 Chan eil, is cha robh riamh, rathad-iarainn ann an Eilean Àrainn ach a rèir leabhar a th’ agam (Steam British Isles – the complete guide to railway preservation, minor and minature railways – Roger Cromblehome & Terry Kirtland, 1985), bha seann trèana fho-thalamh à Glaschu uair ann an taigh-tasgaidh còmhdhail ann an Loch Raonasa. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1985 agus dh’fhàilig e orm dad a bharrachd a lorg mu dheidhinn. Chan eil taigh-tasgaidh ann tuilleadh ach chan eil fhios agam cuine a dh’fhosgail e, cuine a dhùin e no càite an deach an trèana subway. Eil fhios aig duine sam bith?

 Seo na bha san leabhar:

 Lochranza Transport Museum, The Piggery, Coriegills, Isle of Arran, Strathclyde. Stock: Glasgow underground railway coach NO. 10, built 1896 rebuilt 1935.

 Ged nach robh rathad-iarainn riamh ann an Àrainn ge-ta, bha loidhne thrama ann an Eilean Bhòid eadar Baile Bhòid agus Ettrick Bay. Dhùin seo ann an 1936.

Agus chuala mi mu rathad-iarainn eileanach eile bho choinn goirid – gun robh loidhne bathair ann uair ann an Leòdhas faisg air far a bheil am pòrt adhair a-nis. Bha fhios agam gun robh rathaidean-iarainn anns an Eilean Sgitheanach (Skye Marble Railway agus Lealt Valley Diatomite Railway) agus ann an Ratharsar ach cha robh càil a fhios agam mu Leòdhas. Eil fhios aig duine sam bith càite am faighinn barrachd fiosrachaidh?

 Biodh e math nan rachadh cuid de na loidhnichean caol-ghèidse seo ath-fhosgladh do luchd-turais.

Seann chàr subway

Seann chàr subway ann am Baile Ghobhainn, 1987.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Subway Ghlaschu, tramaichean agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 freagairtean ri Trèana fho-thalamh ann an Eilean Àrainn?

  1. Thuirt Philip A Street:

    Tja mi air carbad fo-thalamh fhaicinn ann an Eilean Arainn, aig Corrygills, chan ann aig Lochranza. OS NS 041 359..

    'S toil

  2. Taing Mhòr Philip!

    Cuine a bha sin agus dè eile a bha san taigh-tasgaidh sin?

    'S toil

    • Thuirt Philip A Street:

      Bha mi ann an Arainn ann an 1995, ma ‘s math mo chuimhne, ach cha b’ ann an dè no a’ bhon-dè a bha sin agus mar sin chan eil mi cinnteach. Cho fada ’s a tha cuimhne agam cha robh taigh-tasgaidh ann no trealaich rèile eile ach an carbad fhèin.
      Philip

      'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s