Inbhir Ùige a go-go!

Deltic 55 022 ann an Inbhir Ùige

Deltic 55 022 ann an Inbhir Ùige

 

 

Tha loidhne na Gàidhealtachd a Tuath air a bhith air mullach na liosta bucaid rèile agam fad iomadh bliadhna agus tha mi air a dhèanamh mu dheireadh thall a-nis! Rinn mi seo air turas Far North Explorer aig Comann Glèidhteachas Rèile na h-Alba (SRPS).

 Bha àigeach treun aig gach ceann den trèana: deltic 55 022 Royal Scots Greys agus clas 37 676 Loch Rannoch.

 Thòisich an trèana ann an Gleann Iucha aig 21.54, Dihaoine 17/06/11 agus chaidh sinn do Waverley taobh an sub (rathad-iarainn suburban) a deas. ‘S ann ainneamh a bhios cothrom aig luchd-siubhail a dhol air an loidhne seo oir chaidh a dhùnadh le Beeching (leac air a bheul agus tuiteam gun èirigh air!). Tha e do-chreidsinneach nach deach an rathad-iarainn feumail seo ath-fhosgladh do luchd-siubhail fhathast.

 Às dèidh dhuinn Dùn Èideann ‘Locha Tuath’ fhàgail aig 23:45, mhothaich mi an duilgheadas le turas rèile tron oidhche. Seadh, tha e dorcha! Is math gun tug mi leam am Fortean Times, Classic Rock, I-Pod agus botal fìona…

 Thuit mi nam chadal ann am Peairt is dhùisg mi ann an Inbhir Nis mu 2.30m agus bha làn-ghealach ann. Bha mi air mo dhòigh ghlan agus mi a’ dol a-mach às a’ bhaile gun robh mi a-nis air loidhne a chinn a tuath airson a’ chiad uair. Tha cuimhne agam smaoineachadh an uair sin “feumaidh mi fuireach nam dhùisg”.

'Loch Raineach'

'Loch Raineach'

Chan eil cuimhne agam air dad gus an do dhùisg mi a-rithist ann an Inbhir Pheofharain aig 3.02m. Daingit! Dhùisg mi a-rithist ann an Inbhir Ghòrdain agus mhothaich mi gun robh an stèisean gu math brèagha mus do thuit mi nam chadail. Chuir e iongnadh orm gun robh rud sam bith àlainn ann an Inbhir Ghòrdain.

Cheannaich mi cupa cofaidh airson mo chumail a’ dol… agus dhùisg mi ann am Baile Dhubhaich. Bha a’ ghrian a-nis ag èirigh agus bha deagh chothrom na seallaidhean àlainn fhaicinn. Bha Siorrachd Rois math gu leòr ach bha Cataibh, a ràinig sinn aig mu 04:00, dìreach mìorbhaileach le beanntan is glinn dreachmhor. Bha tòrr mòr each agus cruidh ann, eu-coltach ris a’ chòrr den Ghàidhealtachd. Chunnaic mi caoraich agus mucan cuideachd, nam measg muc a bha air teiceadh gu achadh làn chaoraich!

Coltach ri rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar, tha tòrr nàdar ri fhaicinn. Chunnaic mi fèidh, clamhain riabhach (honey buzzards) agus tòrr mòr fhlùraichean brèagha.

Chaidh sinn seachad air seann stèisean the Mound faisg air Goillspidh. B’ e seo an ceann-rèile airson na meur-loidhne gu Dornach a dhùin ann an 1960.

 ‘S e oidhche gu math fada ann agus tòrr dhaoine ag òl cus leanna agus a’ dèanamh tòrr fuaim.

Ràinig sinn Gallaibh aig 05.00 far an d’ fhuair sinn deagh shealladh de mhonaidhean iongantach, ainmeil na sgìre. Tha tòrr dhaoine air a ràdh rium gu bheil cruth-tìre Ghallaibh caran boring ach chan eil mi ag aontachadh idir às dèidh dhomh fhaicinn le mo shùilean fhèin. Aig mu 06.30 bha sinn aig  Georgemas Junction far a bheil loidhnichean Inbhir Ùige is Inbhir Theòrsa a dealachadh.

Srùbag agus paidh macaronaidh!

Srùbag agus paidh macaronaidh!

Aig 07:30, thàinig dhà no trì cheud daoine far na trèana ann an Inbhir Theòrsa agus an aon rud fa near dhaibh uile – bracaist. Gu h-iongantach, bha bùth bèiceir fosgailte. Abair gun robh feum air cofaidh làidir agus paidh macaronaidh às dèidh oidhche gharbh! Is e baile dreachmhor goireasach a th’ ann an Inbhir Theòrsa.

Gallaibh na Gàidhlig!

Gallaibh na Gàidhlig!

Às dèidh uair gu leth de ‘shore leave’ ann an Inbhir Theòrsa, chaidh sinn air adhart gu Inbhir Ùige ach cha robh cus tìde agam ann oir bha turas bus againn gu Taigh Iain Ghròt.

Fhuair sinn deagh chothrom an t-siorrachd fhaicinn bhon bhus. Ged a tha cuid an Gallaibh a’ cumail a-mach nach eil e Gàidhealach ann an dòigh sam bith, tha cruth na tìre gu math coltach ri Leòdhas nam bheachd. Agus ged a tha cuid de na comhairlichean ann an Gallaibh a’ cumail a-mach gu bheilear “a’ sparradh” na Gàidhlig orra, cha mhòr gun robh sgeul sam bith air Gàidhlig anns an dà bhaile mhòr no ann an Taigh Iain Ghròt.

Is e àite car truagh a th’ ann an Taigh Iain Ghròt. Tha an taigh-òsta agus an dàrna leth de na bùithtean air dùnadh agus feumar pàighear airson do dhealbh a thogail ri taobh an t-soidhne ainmeil (Land’s End 800m 7c). A dh’aindeoin seo, fhuair mi cofaidh fìor math anns a’ mhuileann-chlòimhe (air an robh soidhne Gàidhlig) agus bha e math dìreach a bhith ann agus sealladh de Stroma is de dh’Arcaibh fhaicinn.

Taigh Iain Ghròt

Taigh Iain Ghròt

Air ais ann an Inbhir Ùige, bha cothrom againn dhol dhan bhaile agus is baile snog gu leòr a th’ ann – ged a dh’innis caraid no dha rium gun robh e cho garbh ri earball a’ chapaill bhàin agus gum faighinn deagh bhreabadh ann gun teagamh sam bith!

 Tha fios aig a h-uile duine gur e fear de na “tursan rèile mòra an t-saoghail” a th’ ann an Loidhne na Gàidhealtachd an Iar ach tha an loidhne seo sgoinneil cuideachd (ged a tha a’ chiad phàirt ann an Siorrachd Rois caran maol) agus bu chòir barrachd obair mhargaidheachd a dhèanamh oirre.  Gu h-inntinneach, is e lùb Luirg (Lairg Loop) am pàirt as fhèarr a thaobh seallaidhean is nàdar.

 Tha iomairt air a bhith ann gus slighe loidhne na Gàidhealtachd a Tuath atharrachadh agus gus drochaid a thogail thairis air Caolas Dhòrnaich. Bhiodh an rathad-iarainn a’ dol bho Bhaile Dhubhaich gu Gollspidh taobh Dhòrnach a’ cleachdadh slighe na seann loidhne eadar Dornach agus am Mound. Nan tachradh sin, dhùnadh lùb Luirg agus na stèiseanan ann an Àird Gaoith, Cùil Raithin, Inbhir Sin, Luirg agus Sgìre Raoird agus còrr is 30 mìle de thrac. Nan tachradh seo, cha bhiodh an loidhne idir cho math do luchd-turais ged a bhiodh an turas nas luaithe.

As dèidh latha fada ach math, dh’fhàg mi an trèana ann am Peairt aig 8.30f Disathairne is fhuair mi an trèana air ais a Ghlaschu. Abair latha is abair turas!

Deltic 55 022 Royal Scots Greys ann am Peairt
Deltic 55 022 Royal Scots Greys ann am Peairt

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s