Muile a’ gluasad gu Bealach?

Rèile Mhuile

Rèile Mhuile

Dh’aithris mi bho chionn beagan mhìosan gun robh Rèile Mhuile air dùnadh agus gun robh iad a’ lorg àite ùr don rathad-iarainn.

Bha moladh ann gun rachadh iad gu Eilean Ì agus air a’ bhlog seo, mhol mi fhèin àite no dha eile air a’ Ghàidhealtachd a bhiodh freagarrach: na Tròsaichean, an t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair no Leòdhas.

Tha iad a’ coimhead air àite eile a-nis a rèir fathannan a tha mi air cluinntinn: Bealach. Tha iad a’ beachdachadh air an rathad-iarainn eadar stèisean Mheadhan Bhealach agus Cidhe Bhealaich (a chaidh a dhùnadh ann an 1986) ath-fhosgladh mar mheanbh-rèile smùid. Abair deagh bheachd! Bidh seo math do Loch LomondShoresagus don phròiseact gus am bàta-smùid Maid of the Loch a sgeadachadh.

Làrach stèisean Cidhe Bhealach

Làrach stèisean Cidhe Bhealach

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s