M74 air fosgladh ach dè a’ chosgais?

Tha am pìos mu dheireadh den M74 air fosgladh eadar taobh deas Ghlaschu agus Camas Long. Aig cha mhòr £700M air 5 mìle de mhòr-rathad, chan eil thu a’ faighinn mòran airson do chuid airgid!

 Nam biodh an aon suim air a’ chosg air còmhdhail phoblach, b’ urrainn dha a bhith air a chleachdadh airson crois-rèile Ghlaschu (gus lìonra-rèile taobh tuath is taobh deas a’ bhaile a cheangail ri chèile), gus Ceangail-rèile Port Adhair Ghlaschu a thogail, airson an subway a leudachadh no airson siostam thramaichean ùr anns a’ bhaile – am baile aig an robh an lìonra thramaichean a b’ fheàrr air an t-saoghal gu 1962.

 No nam biodh e air a’ chosg air pròiseactan nàiseanta, b’ urrainnear a bhith air rathad-iarainn nan Crìochan ath-thogail guCarlisle, an rathad-iarainn gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh no lìonra-thramaichean Dhùn Èideann a dhèanamh nas motha.

 Bha mi a’ smaoineachadh air seo uile a-raoir nuair a chaidh mi air turas air an rathad ùr airson a’ chiad turais.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Subway Ghlaschu agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s