Ulaidh ann an Ulaidh!

SY Gondola

SY Gondola, Coniston Water

Bha sinn ann an ‘Sgìre nan Loch’ ann anCumbria airson deireadh sheachdain bho chionn goirid agus mar phàirt de seo, chaidh sinn air bàta-smùid a bh’ àbhaist a bhith aig Rathad-iarainn Furness.

B’ e seo an Steam Yacht Gondola airLake Coniston. B’ àbhaist don bhàta a bhith a’ dèanamh tursan airson luchd-turais a bha air tighinn air an trèana gu baile Conistron. Ged a dhùin an rathad-iarainn bho chionn fhada, tha am bàta fhathast a’ dol agus e cho soirbheachail sa bha e riamh.

Tha sgeulachd inntinneach aige.

Chaidh an Gondola a thogail ann an 1859 agus dh’obraich e air an loch gu 1936. Chaidh a chleachdaidh an uair sin mar bhàta-taigh fad mòran bhliadhnaichean ach chaidh a sgrios ann an stoirm ann an 1962. Thoisich iomairt anns na 1970an gus a ath-thogail, ge-tà, le taic bhon Urras Nàiseanta agus chaidh a sgeadachadh gus an robh e cho math sa bha e nuair a bha e ùr.

 Ciamar a tha seo ceangailte ri trèanaichean is ri Ulaidh ma tha?

 Mar seo! Chaidh bàta a bha ann am fìor dhroch staid ged nach robh mòran air fhàgail dheth. Thug e orm smaoineachadh air pròiseactan rèile den aon seòrsa – craicte, cha mhòr do-dhèante ach a bu chòir a bhith ann. Tha gu leòr air s bhith ann is air soirbheachadh agus seo fear a bu mhath leam fhaicinn:

Anns na 1980an bha Rathad-iarann Èireann a Tuath airson cuidhteas fhaighinn de chàraichean-rèile anns an robh asbestos. An àite a bhith a’ toirt a-mach an asbestos, rinn iad ‘shrink wrapping’ orra agus chuir iad do loch ann an seann chuaraidh iad – cuairidh Crosshill faisg air Cromghlinn ann an Contae Aontroim.

Tha iad fhathast ann.

 Eil duine sam bith eile airson sàbhaladh? Duine sam bith airson iasgach son trèanaichean?

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s