Tornado de dh’einnseanan ùra

Tornado san 'Loch a Tuath'

Tornado san 'Loch a Tuath'

 

An turas mu dheireadh, bha mi a-mach air pròiseactan mòra gus seann thrèanaichean ann am fìor dhroch stàite ath-nuadhachadh.

Ach chan iad a’ dol fada gu leòr! Tha cuid de chlasaichean loco far nach eil eisimpleir sam bith air fhàgail.

Bha seo a’ cur dragh air na daoine a thog an loco smùid ùr Tornado, a’ chiad loco-smùid mòr ùr san RA fad còrr is 40 bliadhna. Cha robh A1 Pacific sam bith air fhàgail is mar sin, chuir iad romhpa fear ùr a thogail, chruinnich iad £4M agus thog iad an Tornado. Tha tòrr phròiseactan ùra den aon seòrsa air a bhith ann bhon uair sin agus tha e coltach gun tèid tòrr sheòrsaichean de locothan a thogail as ùr.

Ach, a-rithist, chan eil seo a’ dol fada gu leòr….

Dè mu dheidhinn locothan diesel?

Tha beàrn mhòr ann sna dieselan Albannach a chionn ‘s nach do mhair Clas 21/clas 29 sam bith. Chaidh na 21/29an a thogail ann an Glaschu le NBL agus chaidh an cleachadh air a’ Ghàidhealtachd as motha. Bha tòrr thrioblaidean teicnigeach aca agus chaidh an toirt à seirbhis gu math tràth ann an 1971.

 Bhiodh e fìor mhath iomairt a bhith ann airson fear ùr a thogail!

A bheil cupla muillean not aig duine sam bith?

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s