Meanbh-rathad Iarainn Eileanan Nis, Inbhir Nis

Bha agam ri dhol a dh’Inbhir Nis airson coinneimh son m’obair an-diugh agus bha gnothaichean deiseil na bu thràithe na bha mi an dùil is mar sin, bha beagan tìde agam airson tadhal air meanbh-rèile eile: Rathad-iarainn Eileanan Nis.

Às dèidh cuairt a ghabhail ri taobh na h-aibhne, lorg mi Pàirce Whins far a bheil an rathad-iarainn stèidhichte. Is e latha teth samhraidh rè saor-làithean na sgoile a bh’ ann agus mar sin, bha an loidhne gu math trang le clann is am pàrantan.

Is e rathad-iarainn beag snog a tha seo a tha suidhichte ann an talamh uaine le tòrr chraobhan is preasan. Tha e gu math lùbach agus tha cnoc is drochaid anns a’ mheadhain. Is e loco diesel a bha a’ tarraing na trèana air a robh coltas BR Clas 47.

A rèir làraich na companaidh:

“Our line is a dumb bell folded over on top of itself, with the station on the C shaped single line in the middle.” Chan eil mi buileach a’ tuigsinn sin ach tha e math co-dhiu!

 Taing mhòr do dh’Iain MacIlleChiar airson innse dhomh mun mheanbh-rèile seo.

 Eu-coltach ris a’ mhòr-chuid de mheanbh rathaidean-iarainn, tha làrach-lìn aig Ness Islands Railway.

 

Rathad-iarainn Eileanan Nis, Inbhir Nis

Rathad-iarainn Eileanan Nis, Inbhir Nis

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, meanbh rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s