Tha an ceann a deas ag eirigh a-rithist! (1) Whitrope

Chaidh mi fhein is mo charaid Hugh Spicer air turas sonraichte don cheann a deas Didomhnaich agus plana again tri rathaidean-iarainn fhaicinn ann an aon latha: Waverley Route Heritage Association, Whitrope, Deas air Hamhaig; steisean Saughtree agus rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead ann an Siorrachd Lannraig a Deas.

Tha Whitrope air Slighe Waverley. B’ e priomh-loidhne chudromach eadar Dun Eideann agus Carlisle a bha seo ach dhuin i gu connspaideach ann an 1969. Tha an Riaghaltas ag ath-fhosgladh na loidhne eadar Dun Eideann agus Galashiels/Tweedbank an-drasta mar phart den lionra naiseanta. Tha buidheann shaor-thoileach ag ath-thogail pairt eile den t-slighe ann an Whitrope deas air Hamhaig cuideachd. Is e aite gu math iomallach a th’ ann am Whitrope. Tha e air rathad-B – torr dheth singilte – gun bhaile no taigh sam bith faisg air laimh. Ma tha thu a’ dol ann a Glaschu, tha e nas fhasa a bhith a’ dol tro Shasainn seach a bhith a’ dol taobh Dhun Eideann. Chan e gearain a tha sin, ge-ta, oir tha na seallaidhean direach alainn is chunnaic sinn gu leor eunlaith agus alpaca air an t-slighe ann!

 

Failte (air ais) gu Alba!

Failte (air ais) gu Alba!

Mu dheireadh, as deidh cha mhor 3 uairean a thide sa char, chunnaic sinn drochaid mhor (‘an drochaid oir’) agus shunter beag biodach a gluasad faisg air laimh.

Tha da choidse ann aig Whitrope a tha mar chafe is buth/taigh-tasgaidh. Tha da loco aca an-drasta: shunter Fowler a tha iad a’ caradh a b’ abhaist a bhith aig steisean cumhachd niuclasach Hartlepool agus shunter Ruston beag a bh’abhaist a bhith leis an Arm agus a tha a-nis aig Taigh-tasgaidh Reile Rutland.

 

Shunter Ruston, Whitrope

Shunter Ruston, Whitrope

Chan eil ach beagan trac ann aig an ire seo ach is e fior dheagh thoiseach toiseachaidh a tha ann. B’ e seo a’ chiad chothrom a bh’ aig daoine a dhol air treana air Slighe a’ Waverley fad 42 bliadhna agus is math an rud e!

Rud eile a tha math mun rathad-iarainn seo, is e gu bheil na daoine a tha an sas ann laghach fhein, deonach a bhith a’ freagairt cheistean agus air leth cuideachail. Mar a tha cumanta le gleidhteachas rile, is e luchd-eisteachd meatailt a bh’ ann an torr aca – mar as coir! \m/

Tha blog aig muinntir Waverley Route Heritage Association cuideachd: http://waverleyrouteha.wordpress.com/.

An deidh srubag agus turas ann an cab na treana, chaidh sinn air adhart gus am baile iomallach Saughtree a lorg.

WHRA, Whitrope

WHRA, Whitrope

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s