Tha an ceann a deas ag èirigh a-rithist! (2) Stèisean Saughtree

Tha tòrr air a bhith sna pàipearan bho chionn goirid mun teaghlach san Leargaidh Ghallda a bhuannaich £160M anns a’ Chrannchur.

Nam biodh airgead mar sin agam, thogainn rathad-iarann sa ghàrradh. A rèir coltais, ge-tà, tha cuideigin ann an Alba air sin a dhèanamh mar-thà!

Chunnaic mi dealbh de stèisean Saughtree ann an Siorrachd Rosbroig sna Crìochan air Flickr bho chionn bliadhna no dhà – taigh-stèisein a bha cuideigin air ceannach agus air trac a chur sìos agus shunter is carabad no dhà a chur ann!

Ged a bha fios agam gun robh an t-àite ann, ge-tà, bha fios agam gum biodh e gu math doirbh a lorg, gu h-àraid le fìor dhroch uisge is tairneanach is dealanach ann mar a bha Didòmhnaich.

Bha an rathad gu Whitrope gu math cugallach ach bha seo – am B6357 – na bu mhiosa buileach ach ged nach robh e furasta, rinn sinn a’ chuis. Tha an stèisean taobh a-muigh baile Saughtree agus air mullach cnoc àrd. Cha robh sgeul air bhon rathad gun robh rathad-iarainn air a bhith ann riamh idir ach a-mhàin gun robh bothan beag ann.

Stèisean Saughtree, Schd Rosbroig

Stèisean Saughtree, Schd Rosbroig

Bha an stèisean seo, a tha dìreach dà mhìle air falbh bhon chrìch le Sasainn, air Borders Counties Railway a bha eadar Riccarton Junction air Slighe a’ Waverley ann an Alba agus Hexham ann an Northumbria. Dhùin an stèisean do luchd-siubhail ann an 1956 agus do bhathar ann an 1958.

Tha àrd-ùrlar agus togalach an stèisean a’ coimhead nas fheàrr na bha iad nuair a bha iad fhathast fosgailte agus tha an duine aig a bheil an taigh air mu 400 slat de thrac a chur sìos cho math ri seada-einnsein.

Meg of Saughtree

Chan eil fhios agam cho tric sa bhios treanaichean a’ ruith an seo agus chan eil mi a’ smaoineachadh gum bi an rathad-iarainn fosgailte don t-sluagh co-dhiù ach bha e sgoinneil fhaicinn co-dhiù!

Seada-einnsein, Saughtree

Seada-einnsein, Saughtree

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Tha an ceann a deas ag èirigh a-rithist! (2) Stèisean Saughtree

  1. Pingback: Trèanaichean Mickey Mouse – Oh boy! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s