Ioma-chànanas ann an Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

Chaidh sinn gu Taigh-tagaidh Taobh na h-Aibhne airson a’ chiad turais an t-seachdain sa chaidh. Chaidh sinn ann air aiseag ùr Bhaile a’ Ghobhainn agus bha sinn fìor thoilichte fhaicinn aig Crois Bhaile a’ Ghobhainn gu bheil brataichean dà-chànanach le Govan/Baile a’ Ghobhainn sgrìobhte orra air a dhol suas air feadh an àite.

Baile a' Ghobhainn

Baile a' Ghobhainn

Nuair a bha sinn air bòrd an MV Rover, chunnaic sinn ròn sa Chluaidh.

Nuair a ràinig sinn an t-àite, b’ e a’ chiad rud a’ mhothaich mi gun robh an soidhne san ionad fàilte dà-chànanach le “Fàilte gu Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne”.

Tha mapa den togalach ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd.

Bha cànain no dhà eile ann cuideachd – tha einnsean smàlaidh Èirinneach ann bho na 20an no 30an air a bheil an sgrìobhadh sa Ghaeilge a-mhàin ann an clò Gaelach. Iontach maith ar fad!

Clo Gaelach i nGlaschú!

Clo Gaelach i nGlaschú!

Tha einnsean mòr ann à Afraga a deas cuideachd air a bheil sgrìobhadh ann an Afrikaans.

"Suid Afrikaanse Spoorwee"

"Suid Afrikaanse Spoorwee"

Agus tha beagan Scots ann cuideachd. A rèir postair, bha Glaschu uair “Maukit an Mingin”!

Ciamar a bha e a thaobh còmhdhail ge-tà?

Is e dealbh mheasgaichte a th’ ann. Tha tòrr mòr ann airson cloinne –  geamaichean is rudan eadar-bheothail agus airson daoine aig a bheil beagan ùidh ann an còmhdhail san dol seachad ach aig nach eil ùidh mhòr. Tha an taigh-bìdh sgoinneil fhèin cuideachd.

Chan eil buileach cho math airson daoine aig a bheil ùidh mhòr ann an còmhdhail, gè-ta. Tha a’ mhòr-chuid de na càraichean suas air sgeilpean mòra gu h-àrd air a’ bhalla far nach urainnear coimhead orra ceart agus tha na baidhseagalan uile suas air a’ mhullach agus iad bun os cionn! Chan eil na tramaichean uile ann oir chan eil an càr Coronation ann agus chan eil am bus-tràilidh ann nas motha. No am bus Atlantean nas motha.  Agus tha a’ mhòr-chuid de na bàtaichean air crios-conveyer agus chan urrainnear coimhead orra gu mionaideach mar thoradh air sin.

Tha tòrr ann mu eachdraidh shòisealta còmhdhail (mar a chaidh daoine a dhannsadh air an trama , beatha rè a’ chogaidh 7c) ach chan eil an uiread ann mun chòmhdhail fhèin. – rud anns a’ bheil ùidh mhòr aig tòrr dhaoine. Tha eachdraidh shòisealta math gu leòr ach is e an rud as motha a tha clann ag iarraidh a bhith a’ sreap air trèanaichean is tramaichean is a bhith a’ ruith mun cuairt!

Trama Curnarder

Trama Curnarder

Chan eil e idir cho dona ri Taigh-tasgaidh Còmhdhail Lunnainn ge-tà, a chaidh a mhilleadh gu tùr le tòrr de na tramaichean is trèanaichean is busaichean-tràilidh a’ gluasad a-mach gus rùm a dhèanamh airson barrachd stuth mu eachdraidh shòisealta.

Às dèidh sin a ràdh, ge-tà, is e fior dheagh latha a-muigh son an teaghlaich agus còrdaidh e ris a’ chloinn.

Is e an rud as motha a chuireadh ris an taigh-tasgaidh loidhne trama taobh a-muigh an taigh-tasgaidh. Tha na tramaichean ann, tha an rùm ann agus tha daoine ga iarraidh!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Subway Ghlaschu, tramaichean agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s