SOS – tha a’ Waverley a’ dol fodha!

A' Waverley, Loch Raonasa, Eilean Arainn

A' Waverley, Loch Raonasa, Eilean Arainn

OK, tha fhios agam nach e trèana, trama no bus-tràilidh a th’ anns a’ Waverley ach tha ceangail rèile air choireigin ann oir, mur eil mi air mo mhealladh, chaidh a togail leis a’ chompanaidh rathad-iarainn LNER.

Is e a’ Waverley, a chaidh a thogail ann an 1947, an stiomar-padail mara mu dheireadh air an t-saoghail. Tha i air a ruith le buidheann carthannais a tha ag obair gu cruaidh gus am bàta a chumail a’ dol agus gach bliadhna bidh i a’ ruith cuairtean-mara air a’ Ghàidhealtachd as t-samhradh agus ann an ton Shasainn gach foghar.

Tha a’ Waverley air leth ainmeil air feadh na h-Alba agus air feadh an t-saoghail agus tha i a’ cuideachadh an eaconomaidh ann am bailtean is eilean beaga a’ gabhail a-steach Bòd, Àrainn (Traigh a’ Chaisteil agus Loch Raonasa), Cumradh, an t-Arar is tòrr a bharrachd.

Bha mi air turas goirid air a’ Waverley an t-seachdain seo eadar Loch Raonasa ann an Eilean Àrainn agus Ceann Tìre agus abair gun robh e math – fàileadh smùid is ola, cothrom an t-einnsean cumhachdach fhaicinn agus a’ Waverley a’ dol aig peilear a beatha – nas luaithe na bàta-motair mòr sam bith a chunnaic mi riamh!

Chòrd e ris an tè bheag – a’ Bhrocag – cuideachd oir fhuair i reòiteag agus bràiste agus chunnaic i tòrr eòin mara.

‘S e rud math eile mun Waverley gum bi thu daonnan a’ coinneachadh ri daoine laghach. Choinnich mi ri dithis a b’ àithne dhomh a tha an sàs ann an glèidheachas rèile – Alasdair à Summerlee agus Ken à Rathad-iarainn Leadhills agus Wanlockhead. Choinnich mi ri fear às na Puballan anns na Crìochan a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a bha gu math fileanta cuideachd.

Dh’fhaodte gur e seo an seusan mu dheireadh aig a’ Waverley, ge-tà, oir tha obair caraidh/leasachaidh a dhith oirre agus tha cosgaisean a’ chonnaidh air èirigh cho àrd (suas 60% bhon bhliadhna an-uiridh) is gu bheil aca ri £250,000 a lorg am-bliadhna. 

Ma tha thu airson a’ Waverley a’ cumail a’ dol, is e an rud a b’ fheàrr a b’ urrainn dhut dèanamh turas a ghabhail orra am-bliadhna. Tha tursan rim faighinn à Glaschu, Port a’ Mhuillinn, an Leargaidh Ghallda, Grianag is tòrr bhailtean eile.

 (Ceist gràmar – am bithear a’ cur “i” air bàtaichean anns a’ Ghàidhlig mar a bhios daoine a’ dèanamh sa Bheurla?)

Fàilte gu Loch Raonasa

Fàilte gu Loch Raonasa

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s