Tha an ceann a deas ag èirigh a-rithist (3) Leadhills & Wanlockhead

Is e loidhne air leth a th’ann an Rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead.

Tha e ann an suidheachadh air leth. Ged nach eil Leadhills is Wanlockhead ach leth-uair a thìde air falbh bhon M74, tha faireachdainn gu math iomallach aig an dà bhaile seo. Agus faireachdainn gu math neònach cuideachd… tha Leadhills (ann an Siorrachd Lannraig a Deas) agus Wanlockhead (ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh) car coltach ris an t-seòrsa baile a chitheadh tu ann an nobhail le Steven King! Brèagha ach uamhasach sàmhach agus faireachdainn caran ‘wild west’ mun deidhinn.

Tha an rathad-iarainn fhèin gu math neo-àbhaisteach cuideachd. Is e an Rathad-iarainn caol-ghèidse seo am fear as àirde san RA agus tha e suidhichte ann an talamh gu math iongantach cuideachd. Tha e cho àrd, fuar is gaothach ann an Leadhills agus tha am fearann cho puinnseanta às dèidh linntean de mhèinnearachd luaidh is nach bi mòran a’ fàs ann seach fraoch is feur air nach eil coltach ro fhallain. 

Dh’fhosgail an rathad-iarainn eadar Elvanfoot (air Prìomh-loidhne a’ Chosta an Iar) agus Leadhills is Wanlockhead ann an 1901/1902 mar loidhne ghèidse-choitcheann agus dhùin i ann an 1938. Thòisich obair aig deireadh nan 1980an gus an loidhne ath-fhosgladh eadar Leadhills agus Wanlockhead mar loidhne caol-ghèidse.

 

 

Tha an rathad-iarainn a-nis ¾ mìle a dh’fhaide agus tha an trac, a tha gu math gu math cas, a’ dol tro làrach seann mhèinne agus a’ tighinn gu stad ann an stèisean Glengonnar. Tha na trèanaichean air fad air an ruith le einnseinnean diesel. Chan eil e na mheur-loidhne bhòidheach le craobhan is flùraichean is abhnaichean brèagha ach tha e a’ sealltainn dhut cò ris a bha beatha muinntir an àite coltach agus dè a’ bhuaidh a thug mhèinnearachd air an àrainneachd.   

Chan eil an t-ainm Rathad-iarainn Leadhills is Wanlockhead buileach iomchaidh oir chan eil e air Wanlockhead a ruigsinn fhathast – chan eil an tuathanach aig a bheil làrach na seann loidhne eadar Glengonnar is Wanlockhead deònach cead a thoirt dhaibh an rathad-iarainn ath thogail air a thalamh. Bleigeard!

Ged nach do ruig an rathad-iarainn a cheann-uidhe fhathast, ge-tà, is e loidhne bheag sgoinneil a th’ ann.

Tha an Leadhills is Wanlockhead gu math càirdeil. Tha an luchd-obrach uamhasach deònach bruidhinn riut agus tha deagh sheans ann gum faigh thu cothrom a dhol a-steach do bhothan nan comharraidhean (signal box) no gu seada an einnsein.

Rabhadh – ma tha thu airson a dhol a Leadhills, thoir an aire. Tha e fuar ann an Leadhills. Tha e FUAR. Tha e air leth fuar! Tha e air leth fhèin fuar! Tha e cho fuar ris a’ phuinnsean fiù’s ann am meadhan an t-samhraidh. Mar sin, thoir leat còta mòr tiugh agus miotagan agus is dòcha beagan branndaidh cuideachd.

 

Stèisean Glengonnar

Stèisean Glengonnar

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s