Bha mi a’ faireachdainn aig an deireadh sheachdain gun robh an t-àm ann turas rèile eile a ghabhail don ear-thuath.
An turas seo, ’s ann gu dà mheanbh-rèile a bha mi a’ dol, a’ tòiseachadh ann an Cill Rìmhinn agus an uair sin a’ dèanamh air Obar Bhrothaig ann an Siorrachd Aonghais.
Tha meanbh-rèile Chill Rìmhinn suidhichte ann am Pàirce Craigtoun agus tha mi air a bhith a’ dol ann bho bha mi nam bhalach òg sna 70an is 80an. Tha an loidhne air a bhith ann fad 50 bliadhna ach cha mhòr nach deach a dhùnadh an-uiridh mar thoradh air gearraidhean comhairle. Gu fortanach, chaidh a shàbhaladh le MWR Railways, companaidh phrìobhaideach a tha a’ ruith meanbh-rèile eile ann an Sasainn.

Nuair a bha mi òg... meanbh-rèile Chill Rìmhinn sna 80an
Bha cothrom agam bruidhinn ri Peter Bryant, am fear leis a bheil a’ chompanaidh. Tha e òg agus loma-làn misneachd agus is e duine laghach a th’ ann. A rèir coltais, tha an loidhne air a bhith uamhasach soirbheachail am-bliadhna agus tha e an dòchas gum bi trèanaichean a’ ruith a-rithist an ath-bhliadhna.
Tha an loidhne suidhichte ann am pàirce Bhictorianach brèagha le lochan is craobhan àrda de gach seòrsa. Tha an loidhne ann an cearcall faisg air an loch agus na gàrraidhean. Còrdaidh an rathad-iarainn agus a’ phàirc gu lèir ris an teaghlach air fad.

Agus air adhart 26 bliadhna... Rathad-iarainn Craigtoun an-diugh
An uair sin, rinn mi air Obar Bhrothaig – far an deach neo-eisimeileachd rìoghachd na h-Alba a chur an cèill bho chionn fhada – gus Meanbh Rathad-iarainn Kerr’s fhaicinn.

Meanbh-rèile Kerr's, Obar Bhrothaig
‘S e rathad-iarainn gu math cudromach a tha seo. Chaidh a thogail anns na 1930an agus is e a’ mheanbh-rèile as sine ann an Alba a th’ ann. Tha e ann an loidhne dhìreach ri taobh an rathaid-iarainn eadar Dùn Dèagh is Obar Dheathain agus tha e mu leth-mhìle a dh’fhaide. Chaidh a stèidheachadh le Mata Kerr agus ghabh a mhac Mata òg Kerr thairis e anns na 1970an. Nuair a chaochail Mata òg bho chionn beagan bhliadhnaichean, bha cunnart ann gun dùnadh an rathad-iarainn ach ’s ann a thòisich a mhac John air an loidhne a ruith, ged a bha e fhathast na dheugaire.
Agus abair gu bheil John air spionnadh a chur san rathad-iarainn oir tha planaichean a-nis ann gus an loidhne a leudachadh gus am bi e nas fhaisg air meadhan a’ bhaile. Nuair a thadhail mi air Kerr’s, bha cothrom agam coinneachadh ri John agus sheall e dhomh seada nan einnsean agus bhruidhinn e rium mun rathad-iarainn. Bha a h-uile duine aig an rathad-iarainn cho còir ri òr agus bha e sgoinneil fhaicinn cho misneachail sa bha John agus a sgioba.