Meanbh-rèile ùr ann an Garbhchrìochan Pheairt

B’ àbhaist dhomh a bhith ag obair do Chomhairle Pheairt is Cheann Rois agus tha mi gu math dèidheil air an sgìre.

Dh’ionnsaich mi bho chionn goirid gu bheil meanbh-rèile ùr ann am Baile an Luig faisg air Baile Chloichrigh.

Tha eachdraidh inntinneach aig a’ bhaile bheag seo a thaobh rathaidean-iarainn: bha e uair na cheann-rèile airson meur-loidhne Obar Pheallaidh, a dhùin ann an 1965. Ged a tha prìomh loidhne na Gàidhealtachd fhathast a’ dol tro Bhaile an Luaig, chan eil stèisean ann tuilleadh.

Ach tha an t-àite air fàs rud beag nas inntinniche bho chionn goirid agus meanbh-rathad-iarainn a-nis ann cuideachd: Railway Farm.

Bidh an rathad-iarainn fosgailte air an treas Disathairne gach mìos as t-samhradh agus as t-foghar.  Tha dà latha fosgailte air fhàgail am-bliadhna: 17 Sultain agus 15 Dàmhair.

Feuchaidh mi ri dhol ann ro dheireadh an t-sèasain.

 

 

Aig ceann eile loidhne Obar Pheallaidh

Aig ceann eile loidhne Obar Pheallaidh

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s