Dràibhear trama mu dheireadh thall!

B’ e Disathairne 10 Sultain mo chiad latha agam mar dràibhear trama aig taigh-tasgaidh Summerlee. Tha mi air a bhith a’ trèanadh mar dhràibhear fad iomadh seachdain ach b’ e seo a’ chiad turas agam leis a’ phoball air bhòrd.

Alasdair aig an stiùir

Alasdair aig an stiùir

Chòrd e rium glè mhath a bhith a’ coinneachadh ris an luchd-siubhail. Nam measg, bha càraid phosta ann a bha an sàs gu mòr san iomairt gus an t-einnsean-smùid Garratt a tha a-nis ann an Summerlee a thoirt air ais a dh’Alba à Afraga a deas. B’ e seo a’ chiad turas a bha iad air an Garratt fhaicinn fad 30 bliadhna.

 

Garratt aig Summerlee, Coatbridge

Garratt aig Summerlee, Coatbridge

 

Bha daoine gu leòr ann a bha air tighinn gu Summerlee dìreach gus na tramaichean fhaicinn. B’ e seo a’ chiad turas trama riamh aig tòrr den luchd-siubhail ach bha deagh chuimhne aig cuid air na seann tramaichean ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Obar Dheadhainn.

Agus is iomadh duine a rinn coimeas air tramaichean Summerlee agus tramaichean Dhùn Èideann…

An rud a b’ inntinnich mun latha, ‘s e sin balach beag aig nach robh càil a dh’fhios dè bh’ ann am mèinne-ghuail. Taing dhut Thatcher!!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Dràibhear trama mu dheireadh thall!

  1. Thuirt Padruig:

    Tha farmad agam ort!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s