Turas don Tuaisceart

"An Mhuc Dhubh", Tir Chonaill.

Treana Ultach eile: "An Mhuc Dhubh", Tir Chonail.

Chuir mi romham bho chionn beagan bhliadhnaichean gun rachainn air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba – Network Rail, rathaidean-iarainn prìobhaideach agus fiù’s meanbh rathaidean-iarainn – agus ged nach eil mi deiseil fhathast, tha mi air a’ mhòr-chuid a dhèanamh a-nis agus tha mi cinnteach gun dèan mi a’ chùis air a’ chòrr de na loidhnichean taobh a-staigh bliadhna no dhà.

Air an adhbhar seo, tha feum agam air targaid ùr oir cha bhiodh e ro ghlic nam biodh an “liosta-bhucaid “agam deiseil is mi gun ach 37 bliadhna a dh’aois. Mar sin, tha mi air na h-amasan seo a chur ris an liosta agam:

  • A’ dol air gach siostam tramaichean san RA – an dà chuid siostaman ùra (Croydon, Manchester, Nottingham,  Midlands Metro,S heffield) agus siostaman heritage (m.e Seaton tramway, Birkenheadtramway, C rich).
  • A’ dol air gach siostam bus-tràilidh san RA (Taigh-tasgaidh Bus-tràilidh Sandtoft, Taigh-tasgaidh Còmhdhail East Anglia, Taigh-tasgaidh Beò a’ Bhlack Country)
  • A’ dol air gach rathad-iarainn ann an Eilean Mhanainn,
  • A’ dol air gach loidhne rèile ann an Èirinn a Tuath.

Cumaidh sin trang mi fad 5 no 10 bliadhna eile co-dhiù!

Chan eil na targaidean sin uile furasta, ge-tà. Gu h-annasach, is e Èirinn a Tuath as dorra.

Tha mi a’ feuchainn ri turas a chur air dòigh gu Beál Feirste le m’ obair airson a dhol gu Seanadh Èireann a Tuath agus gu co-labhairt mun Ghaeilge. Iontach maith ar fad… ach chan eil e air a bhith furasta an turas agam ann a cho-ordanachadh.

A rèir coltais, chan eil dòigh sam bith ann tiocaidean trèana a chur air dòigh ma tha thu ag iarraidh a dhol gu Èireann a Tuath taobh Latharna (far a bheil 2/3 den na h-aiseagan à Alba a’ tighinn a-steach..) Ma tha thu ag iarraidh tiocaid a cheannach airson a dhol bho Alba gu Beál Feirste agus air adhart gu Latharna, nae bother, ach ma tha thu ag iarraidh a dhol bho Alba gu Latharna agus an uair sin gu Beál Feirste, cha gabh a dhèanamh a rèir coltais. Dè cho gòrach sa tha sin?

Agus tha e fìor dhoirbh faighinn a-steach do dh’Èireann a Tuath ro mheadhan latha ma tha thu a’ dol ann à Glaschu air an trèana. Mar sin, tha e coltach gum bi agam ri dhol ann air a’ plèana ma tha mi gu bhith ann tràth gu leòr gus cothrom a bhith agam a dhol air beagan trèanaichean.

Tha mi a’ smaoineachadh gun gabh lìonra-rèile Èireann a Tuath a dhèanamh ann an latha ma thèid a phlanadh ceart ach chan eil fhios agam am bi tìde gu leòr agam sin a dhèanamh.

Cumaidh mi fios ruibh air an turas agam gu Ulaidh ann an Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s