Iomairt an latha!

Tha Network Rail agus Còmhdhail Alba a’ dèanamh obair cho-chomhairleachaidh an-dràsta air EGIP – Edinburgh-Glasgow Improvement Programme – am prògram gus na loidhnichean eadar an dà bhaile a dhealanachadh (electrify) agus gus obair leasachaidh co-cheangailte ris a dhèanamh. Tha seo a’ toirt cothrom dhuinn iomairt a dhèanamh airson soidhnichean Gàidhlig ann an Waverley Dhùn Èideann agus Glaschu Mheadhain.

Chan eil an dà stèisean seo – an dà stèisean as motha ann an Alba – le ScotRail agus mar sin, cha bhi soidhnichean dà-chànanach a’ dol suas mar phàirt den phrògram aig ScotRail.

Tha barrachd fios mun obair cho-chomhairleachaidh ri fhaighinn aig www.networkrail.co.uk/egip

Faodar fios a chur thuca air EGIPScotland@networkrail.co.uk no tro twitter @NetworkRailEGIP

Seo an fhreagairt a fhuair mi:

“Edinburgh Waverley and Glasgow Central are two of Network Rail’s 18 managed
stations and as such demonstrate consistency in terms of branding and signage
with all our other locations across the UK.  It therefore follows that we have
no plans to introduce bilingual signage at these locations.” 

Is dòcha gun atharraich iad am beachd ma gheibh iad tòrr mo litrichean bho luchd na Gàidhlig.

Alasdair 

Dà-chànanas: Rud nach fhaicear ann an Glaschu Mheadhain no Waverley Dhùn Èideann

Dà-chànanas: Rud nach fhaicear ann an Glaschu Mheadhain no Waverley Dhùn Èideann

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s