Còmhdhail-cheangailte san Eilean?

Tha mi gu bhith a’ dol don t-Sabhal Mhòr airson coinneimh anns an t-Samhain. Tha mi ag iarraidh a dhol ann air an trèana ach a rèir coltais, chan eil fhios aig CalMac dè th’ ann an còmhdhail-cheangailte.

Tha e furasta gu leòr a dhol gu Malaig air an trèana ach a rèir coltais, chan eil ceangail sam bith ann eadar amannan nan aiseagan is nan trèanaichean. Air an t-slighe ann, bidh mi agam ri feitheimh ann am Malaig airson 3 no 4 uairean a thìde airson bàta gu Armadal. Chan eil sin cho math ach chan eil e cho dona sin nas motha. Air an t-slighe air adhart, ge-tà, ged a bhios a’ choinneamh agam deiseil aig1f, chan eil bàta ann gu às dèidh ceithir uairean ged a tha trèana a’ falbh aig4f. Mar sin, bhiodh agam ri trèana fhaighinn aig 19.37 nach ruig Glaschu gu 00.20.

THA trèana ann às a’ Chaol aig 14.37 ach bidh agam ri falbh caran clever ma tha teansa sam bith gu bhith agam a ghlacadh…..

Stèisean Mhalaig

Stèisean Mhalaig

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Còmhdhail-cheangailte san Eilean?

  1. Thuirt Gun urra:

    Fàilte dhan clàr-ama geamhraidh …

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s