Tha mi air tòiseachadh air ullachadh airson mo thuras gu Èireann a tuath.
Tha a’ chairt siubhail agam air tighinn. “Nas urrainn dhomh ithe” de chòmhdhail rèile is bus fad latha airson dìreach £15.00.
Tha am mapa rèile agam deiseil cuideachd agus tha mi air tòiseachadh air beagan rannsachaidh a dhèanamh air eachdraidh nan rathad-iarainn anns an Tuaisceart.
Bha siostam rèile farsainn ann uair a bha a’ gabhail a-staigh a h-uile baile cudromach san sgìre. Chaidh seo a ghearradh gu mòr agus bha na dùnaidhean na bu thràithe agus na bu mhiosa na rinn fiù’s am Morair Beeching (tuiteam gun èirigh air agus leac air a bheul!).
Tha deagh mhapa ri fhaighinn air làrach-lìn a’ BhBC far a bheil na loidhnichean uile rim faicinn bho 1900 chun an latha an-diugh.
San latha an-diugh, chan eil ach beagan loidhnichean air taobh an ear an Tuaisceart air fhàgail. Chan eil rathad-iarainn sam bith ann am Fear Manach no Tìr Eoghainn.
A dh’aindeoin sin, chan eil e furasta a dhol orra uile ann an aon latha. Tha e a’ toirt còrr is 2 uair a thìde gu Doire agus tha glè bheag de thrèanaichean a’ dol chun an Iúir. Gabhaidh a dhèanamh ceart gu leòr ach san t-Samhain, tha e fàs dorcha cho tràth is nach fhaicinn dad air an t-slighe gu Doire is mar sin, bidh feum agam air turas eile latha eile.
Mar sin, seo am plana agam aig an ìre seo:
Beál Feirste – Latharna – Beál Feirste
Beál Feirste – Port an Dúnáin
Port an Dúnáin – Beannchar
Beannchar – Beál Feirste
Beál Feirste – Cúil Raithin
Cúil Raithin – Port Rois – Cúil Raithin
Cúil Raithin – Beál Feirste
Alasdair