Turas air Tramlink Lunnainn

Chaidh mi fhèin is an teaghlach air turas gu Lunnainn an t-seachdain sa chaidh airson coinneachadh ri seann charaid agus airson a dhol dhan taigh-chluich.

 ‘S e deagh leisgeul a bh’ ann cuideachd a dhol air tòrr mòr rathaidean-iarainn …

Mus tòisich mi air trèanaichean, feumar a ràdh an toiseach gun robh sinn a’ fuireach ann an taigh-òsta sgoinneil. Chan e a-mhàin gun robh an dealbh bho chòmhdach an LP Animals le Pink Floyd air balla an t-seòmair againn ach bha sinn an ath dhoras ri àmbasaid Albàinia cuideachd. Dè cho cool sa tha sin!

 Bha sinn a’ fuireach ann am Pimlico agus thàinig sinn ann taobh Drochaid Vauxhall. Thug sinn orm smaoineachadh air an òran the Battle of All Saints Road  leis a’ chòmhlan Lunnainneach sgoinneil Big Audio Dynamite (le Mick Jones aig a’ Chlash air an stiùir):

We fired our guns and the coppers kept a coming
There wasn`t quite as many as there was a while ago
We fired once more and they began a running
Over vauxhall bridge and via pimlico

 Seo iad ga chluich beò na bu thràithe am-bliadhna.

http://www.youtube.com/watch?v=PhvIFfxHLRw&feature=related

Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach siostam tramaichean san RA is mar sin, b’ e am prìomh amas a bh’ agam Tramlink Lunnainn (Croydon Tramlink mar a bha) fheuchainn.

Thòisich mo chuid spòrs le bhith a’ ceannachd cairt Oyster. Chleachd mi e fad trì làithean agus cha do chosg mi ach mu £20 ged a bha mi air an subway mu 10 tursan, air dà bhus agus air air trì tramaichean. Tha sin gu math saor an taca ri còmhdhail phoblach ann an Alba. Tha làn àm ann cairt siubhail mar Oyster a bhith againn an Alba airson Srath Chluaidh no airson na dùthcha air fad.

Chaidh mi air a’ fo-thalamh air loidhne an District eadar Stèisean Bhictoria agusWimbledon. Tha an loidhne trama a’ tòiseachadh anns an stèiseanWimbledonfhèin far a bheil am Fo-thalamh, an Overground agus Tramlink uile a’ tighinn còmhla. Tha seo na dheagh eisimpleir de “chòmhdhail cheangailte” den t-seòrsa a chithear ann an Lunnainn ach nach fhaic sinn idir ann an Alba. Uile gu lèir tha seachd stadan trama ann a tha ceangailte ris an lìonra rèile nàiseanta agus barrachd a tha ceangailte ri siostam nam busaichean.

Chaidh Tramlink Lunnainn fhosgladh ann an 2000. Bidh na tramaichean a’ ruith an dà chuid air seann loidhnichean rèile agus air slighean gu tùr ùr. Tha a’ mhòr-chuid den loidhne “far-rathaid” ach a-mhàin ann an Croydon fhèin far am bi na tramaichean a ruith tro na sràidean. Fiù ‘s an sin, ge-tà, tha a’ mhòr-chuid den t-slighe air rathaidean a tha do thramaichean a-mhàin.

Tha Tramlink a’ tòiseachadh ann anWimbledonaig ceann an iar na loidhne.  Tha i an uair sin a’ dol tro bhaile Chroydon agus a-mach gu trì diofar cinn-loidhnichean: Beckenham Junction, Elmers End agus New Addington. Chaidh mise air an loidhne gu New Addington.

Stèisean Croydon an Ear

Stèisean Croydon an Ear

Ann an Croydon an Ear, tha stad trama mòr ann mar phàirt den stèisean rèile. Is e seo an t-àite as fheàrr air an t-siostam airson a bhith a’ coimhead air na tramaichean oir tha 4 no 5 caféthan ann an sreath ri chèile ri taobh an stèisein agus faodar srùbag a ghabhail fhad’s a tha thu a’ togail dealbhan de na tramaichean.

Tha na tramaichean gu math luath agus gu tric bha sinn a’ dèanamh 50 mìle san uair. Tha pàirt den loidhne às dèidh Croydon air meur-loidhne New Addington ri taobh an rathaid agus ‘s ann tric a bha sinn a’ dol na bu luaithe na an trafaig. Nuair a bha againn ri dhol thairis an rathad, bha na solais daonnan a’ toirt prìomhachas don trama. A-rithist, còmhdhail cheangailte.

Tha na tramaichean gu math spaideil is goireasach agus tha tòrr àiteachan suidhe ann (rud nach eil fìor ann an cuid de shiostaman eile). Ma tha thu a’ suidhe faisg air an dràibhear, gheibh thu deagh shealladh den loidhne air thoiseach ort cuideachd.

Tha Tramlink luath, saor, èifeachdach is uaine. Bu chòir na daoine a tha an aghaidh tramaichean Dhùn Èideann a dhol gu Croydon gus Tramlink fhaicinn. Tha mi a’ smaoineachadh gun atharraicheadh iad an cuid inntinnean gu math clever.  

Chaidh sinn don phort-adhair air a’ Ghatwick Express. Air a’ phleana, leugh mi an iris aig Easyjet. Bha iad a’ moladh diofar àiteachan airson làithean-saora. Thuirt iad a thaobh Ghlaschu gun robh e ceart gu leòr ach gun robh Pàislig fada na b’fheàrr agus gum bu chòir do dhaoine a dhol ann seach do Ghlaschu fhèin. Eil iad cràicte?

Tha a rèir coltais. Airson Tel Aviv, thuirt iad gum bu chòir dhaoine am baile a thaghadh airson làithean-saora a chionn ‘s gu bheil an còmhlan (sgriosal) Suaineach Roxette gu bhith a’ cluich ann airson a’ chiad uair a dh’aithghearr….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Turas air Tramlink Lunnainn

  1. Pingback: An t-Samhain 2011 (7) | Bho Shràid Philsen gu Rathad Chnoc Ghiuthais

  2. Pingback: A’ chiad sheachdain | Going to the end of the line

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s