Rathaidean-iarainn an cunnart bho ghoid meatailt

Tha duilgheadas mòr air a bhith aig rathaidean-iarainn agus slighean thramaichean glèidhte (preserved) bho chionn goirid le goid meatailt. Tha cùisean a’ sìor dhol am miosad mar thoradh air prìs àrd na meatailt aig an àm seo.  

Chaidh meatailt a ghoid bho chuid de na rathaidean-iarainn Albannach – Comann Glèidhteachas Rèile Schd Air, Comann Glèidhteachas Rèile Rìoghachd Fhìobha agus Comann Glèidhteachas Rèile na h-Alba ann am Bo’ness.

 

Comann Glèidhteachas Rèile Fhìobha, Inbhir Lìobhainn

 

Ann an cuid de na slighean-tramaichean glèidhte: Pàirce Heaton ann am Manchester agus Taigh-tasgaidh beò a’ Bhlack Country chaidh stad a chur air na tramaichean is tràilidhean air fad fad mìosan mar thoradh air goid càbaill.

Agus bha aig cuid de na rathaidean-iarainn glèidhte ri grunn threànaichean eachdraidheil a bhriseadh (scrap) bho chionn ghoirid às dèidh do mheirlich pìosan cudromach a ghoid bhuapa.

Ma chumas cùisean orra mar a tha iad, bidh aig cuid de na rathaidean-iarainn beaga ri dhùnadh.

Air an adhbhar seo, chaidh athchuinge a chur air dòigh bho chionn goirid gu Riaghaltas na RA mun chùis gus a dhèanamh nas dorra a bhith a’ ceannachd no a reic meatailt a chaidh a ghoid.

http://epetitions.direct.gov.uk/petitions/406

Ma gheibh iad 100,000 ainm air an athchuinge, thèid deasbad a chumail air ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte agus dh’fhaodte gun tèid an lagh atharrachadh.

Ann an Alba, tha a’ chùis seo fo smachd Pàrlamaid na h-Alba ach b’ fheuch e an athchuinge a shoidhnigeadh co-dhiù oir tha e coltach gun gabhadh Pàrlamaid na h-Alba ri lagh sam bith aig Westminster air a’ chùis seo tro Ghluasad Cead Reachdail (Legislative Consent Motion) seach a bhith a’ cur air adhart bile ann an Alba a chionn ‘s gur e atharrachadh beag a bhiodh ann.

 

Alasdair 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s