Èirinn a tuath: an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal! (1) #gaidhlig #gaelic

Tha mi air a bhith air iomadh turas rèile thar nam bliadhnaichean ach cha do chòrd rud sam bith rium cho math ris an turas agam do dh’Èirinn a Tuath (Tuaisceart Éireann – TÉ) an t-seachdain sa chaidh.

Tha siostam rathaid-iarainn Èireann a Tuath neo-eisimeileach an dà chuid bho shiostam Bhreatainn (cha robh e riamh mar phàirt de BR) agus bhon t-siostam ann am Poblachd na h-Èireann. Tha cruth is coltas nan trèanaichean is nan stèiseanan air leth agus ’s e gèidse na h-Èireann – 5’3″ a bhios iad a’ cleachdadh seach a’ ghèidse choitcheann (4’8″).

Fhuair mi am plèana tràth a-steach do Phort-adhair Eadar-nàiseanta Bheál Feirste. (San dol seachad, is e “Port adhair George Best” a th’ air Port-adhair Cathair Bheál Feirste a-nis, dè mu dheidhinn Port-adhair Gary Moore air Beál Feirste eadar-nàiseanta?)

DEMU Castle Class, Great Victoria Street

Air an t-slighe a-steach dhan bhaile air a’ bhus, bha an trafaig sgriosail air a’ mhòr-rathad a-steach gu meadhan a’ bhaile. Thathar air a bhith a’ bruidhinn air stèisean rèile dhan phort-adhair fad ùine mhòr a-nis, an dàrna cuid ann an Teampall Phádraig no air an loidhne dùinte eadar Lios na gCearrbhach (Lisburn) is Aontroim. Tha cruaidh fheum air a leithid!

Le mo chairt siubhail latha a bha a’ toirt dhomh saorsa an Tuaisceairt, thàinig mi far a’ bhus anns an Europa Bus Centre. Tha tòrr “còmhdhail cheangailte” ann an Èirinn a Tuath agus tha stèisean Great Victoria Street anns an aon togalach ris stèisean nam busaichean. (An bhfhuil eolas ag duine ar bith ced é an Ghaeilge atá ar “Great Victoria Street Station”?)

‘S e stèisean beag dòigheil a th’ ann an GVS. Ged is e an stèisean as trainge ann an TÉ a th’ ann, chan eil ach ceithir àrd-ùrlaran ann. Tha e coltach ri stèisean beag leithid Tobar na Màthar no Baile Èilidh Meadhain seach Waverley Dhùn Èideann, Glaschu Mheadhain no Glaschu Sràid na Banrighinn. 

Lionra an NIR

Chan eil sin na iongnadh oir chan eil ach 5 loidhnichean ann an TÉ:

Beál Feirste – Beannchar (Bangor)

Beál Feirste – Port an Dúnain (Portadown) – an tIúr (Newry) – Baile Átha Cliath

Beál Feirste – Latharna (Larne)

Beál Feirste – Doire (Derry)

Cúil Raithin – Port Rois (Portrush)

Mar sin, chan eil an siostam ach beag – mu 200 mìle agus 54 stèiseanan – ach tha e càirdeil, èifeachdach agus chaidh na trèanaichean is na stèiseanan uile ùrachadh sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Fhuair mi trèana 09.10 eadar GVS agus Béal Feirste Larnach (Belfast Central). Tha seòrsa meanbh-mhetro ann am Beál Feirste le ceithir stèiseanan ann am meadhan a’ bhaile: GVS, Botanic, City Hospital agus Béal Feirste Larnach far am bi a’ mhòr chuid de na trèanaich a’ stad.

Béal Feirste Larnach

Béal Feirste Larnach

Is e stèisean meadhanach ùr a th’ ann am Béal Feirste Larnach. Dh’fhosgail e ann an 1976 agus chaidh ùrachadh a-rithist sna beagan bliadhnaichean mu dheireadh agus tha fìor dheagh choltas air. Tha e caran coltach ri Stèisean Mhargadh an Fheòir an Dùn Èideann ach chan e idir cho mòr no cho trang agus tha coltas nas ùire is nas spaideil air le café, bùth agus oifis fiosrachaidh.

‘S e an rud annasach mun stèisean seo nach eil e idir faisg air meadhan a’ bhaile. Chaidh Béal Feirste Larnach a thogail an àite Great Victoria Street agus chaidh GVS a leigeil oir bha luchd planaidh an dùil gum fasadh meadhan a’ bhaile don ear, rud nach do thachair idir mar thoradh air na trioblaidean. Chaidh GVS ath thogail is fosgladh as ùire anns na 1990an. Ged a tha GVS nas trainge, ge-tà, tha na trèanaichean Enterprise gu BÁC uile a’ falbh à Béal Feirste Larnach.

Thog mi dealbh no dhà, agus fhuair mi cupa cofaidh às a’ chafé. B’ e seo an dàrna cupa cofaidh as miosa a bh’ agam riamh nam bheatha (às dèidh copan fìor dhona ann an Subway ann am Broxburn a bhon-uiridh!) ach bha mi feumach air a’ chaffeine.

Fhuair mi an trèana do Latharna. Bha mo charaid Marc air comhairle a thoirt dhomh gun a dhol ann idir a chionn ’s gur e baile gu math grot a th’ ann ach chaidh mi ann co-dhiù.

Bha an loidhne fìor mhath le shealladh den dùthaich, den chosta, de Chontae an Dúin agus de dh’Alba. Cha robh Latharna fhèin idir cho math. Tha e coltach ri Inbhir Ghrainnse agus Steòrnabhagh air droch latha is mar sin, thog mi dealbh no dhà is chaidh mi air ais air an trèana!

Steistean Chala Latharna

Air an t-slighe gu Latharna, chì thu dà àite a tha fìor inntinneach do dh’anaragan-rèile: York Road Works agus An Cionn Bán (Whitehead). Is e a’ phrìomh àite glèidhidh is càraidh aig Northern Ireland Railways (NIR) a th’ ann an York Road agus chì thu tòrr thrèanaichean inntinneach ann. Aig a’ Chionn Bhán, tha RPSI – Comann Glèidheachas Rèile na h-Èireann – suidhichte ann agus thèid trèana Latharna thairis air na toglaichean aca. Gu mì-fhortanach, chan fhaic thu mòran de na trèanaichean aca bhon loidhne agus tha an fheadhainn a chì thu gu math meirgeach is ropach. 

Ri leantainn….

Alasdair

staran@tesco.net

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s