Rathaidean-iarainn ann an Eileanan a’ Chaolais

Tha mi air àite no dhà eile a chur ris an “liosta bucaid” rèile agam: Jersey agus Alderney– agus is dòcha Guernsey cuideachd!

Bha fios agam gun robh rathaidean-iarainn ann an Jersey agus Guernsey (Geansaidh?!) uair ach gun deach an dà chuid a dhùnadh bho chionn fhada air an t-saoghal. Tha mi air faighinn a-mach, ge-tà, gu bheil rathad-iarainn beag ann an taigh-tasgaidh ann an Trinity, Jersey air a bheil am Pallot Museum.

B’ e tramaichean a bh’ air rathad-iarainn Guernsey. Tha mi air faighinn a-mach gu bheil mo dal ann de thrama san eilean – ach is e bus a th’ ann seach trama.

Agus mu dheireadh, tha Rathad-iarainn Alderney ann. Chaidh an loidhne seo a chruthachadh gus clach a thoirt eadar cuaraidh agus cidhe agus chaidh fhosgladh mar rathad-iarainn do luchd-turais. Tha e suidhichte ann an eilean brèagha agus tha an trèana gu math annasach: seann carbadan London Underground air an tarraing le shunter beag!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s