Co-latha-breith sona Fo-thalamh Ghlaschu! 115 an-diugh

Is e latha cudromach a th’ ann an-diugh, an 115mh co-latha-breith aig rathad-iarainn fo-thalamh Ghlaschu – an Subway.

‘S e an subway an treas fo-thalamh as sine san t-saoghal agus am fear as giorra.

Dhomsa, is e an Subway an rud as fheàrr ann an Glaschu – cridhe a’ bhaile agus an rud às a tha a charactar is a spiorad a’ tighinn!

Nuair a bha mi 11 no 12 air ais ann am meadhan nan ceithir ficheadan, bhithinn a’ dol gu Glaschu Disathairne còmhla ri mo charaid Cailean airson coimhead air na trèanaichean. Bhiomaid a’ dol gu Sràid na Banrigh an toiseach is an uair sin gu Stèisean a’ Mheadhain. Aig àm lòn, bhiomaid a’ dol air an Subway. Bhiomaid a’ dol air aig Sràid Bhochannan agus a’ dèanamh làn chuairt den t-siostam (uaireannan dà chuairt).

Tha mi fìor thoilichte gu bheilear ag ùrachadh an t-siostam agus tha mi cinnteach gum bi e a’ gliongadaich is a’ glangadaich fad co-dhiù 115 bliadhna eile.

Choisich mi slighe an t-subway air fad bho chionn goirid. Postaidh mi fios mu mar a chaidh sin nuair a bhios mionaid agam.

 Alasdair

 

 

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Subway Ghlaschu. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s